Agus nuair a bha Abram ceithir-fichead agus naoi-bliadhna-deug a dh’aois, dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin dha, agus thubhairt e ris, Is mise an Dia Uile-chumhachdach; gluais thusa am fhianais, agus bi iomlan.
Cò as cosmhail riutsa am measg nan diathan, a Thighearna? Cò a tha cosmhail riut, glòrmhor ann an naomhachd, uamhasach ann am moladh, a’ dèanamh nithean iongantach?
Uime sin deir an Tighearna, Tighearna nan sluagh, Tì cumhachdach Israeil, Aha! bheir mi fois dhomh fhèin a‑thaobh m’eascairdean; dìolaidh mi mi fhèin air mo naimhdean.
Oir mar seo deir an Tì àrd agus uasal, don àite-còmhnaidh sìorraidheachd, don ainm an Tì naomh: Anns an ionad àrd agus naomh gabham-sa còmhnaidh; maille ris-san fòs a tha leònte agus iriosal na spiorad; a bheothachadh spiorad nan iriosal, agus a bheothachadh cridhe nan daoine leònte.
Cò seo a tha a’ teachd o Edom, le culaidh dhathte o Bhosrah? E seo a tha sgiamhach na èideadh, a’ siubhal ann am mòrachd a neirt? Mise, a tha a’ labhairt ann am fìreantachd, cumhachdach gu tèarnadh.
Ach tha an Tighearna leam mar aon cumhachdach uamhasach; air an adhbhar sin tuislichidh mo luchd-tòrachd, agus cha bhuadhaich iad: tha iad air an lìonadh le nàire ro‑mhòr, a chionn nach do shoirbhich leo, le masladh bithbhuan, nach leigear gu bràth air dìochuimhn.
Agus air ball thug Iosa cead dhaibh; agus air dol a‑mach do na spioradan neòghlan, chaidh iad a‑steach anns na mucan, agus ruith an treud sìos gu dian le àite cas don fhairge (bha iad mu thimcheall dà mhìle), agus thachdadh iad anns an fhairge.
A‑nis dhàsan don comas na h‑uile nithean a dhèanamh gu h‑anabarrach ro‑phailt, thar gach nì as urrainn sinne iarraidh no smaoineachadh, a rèir a’ chumhachd a tha ag obrachadh gu h‑èifeachdach annainn,
Cò air nach biodh eagal romhad, O Thighearna, agus nach tugadh glòir dod ainm? Oir tha thusa a‑mhàin naomh: oir thig na h‑uile chinnich, agus nì iad adhradh ann ad làthair; do bhrìgh gu bheil do bhreitheanais air an dèanamh follaiseach.
Agus aig na ceithir beò-chreutairean, aig gach aon dhiubh fa leth, bha sia sgiathan mun cuairt dha, agus bha iad làn de shùilean an taobh a‑staigh; agus cha do sguir iad a là no a dh’oidhche, ag ràdh, Naomh, naomh, naomh, an Tighearna Dia uile-chumhachdach, a bha, agus a tha, agus a bhitheas.