Oir feuch, cho luath is a thàinig fuaim do bheannachaidh am chluasan, bhriosg an naoidhean le aoibhneas ann am bhroinn.
Agus thàrladh nuair a chuala Elisabet beannachadh Mhuire, gun do leum an naoidhean na broinn: agus lìonadh Elisabet leis an Spiorad Naomh.
Agus cionnas a dh’èirich seo dhòmhsa gun tigeadh màthair mo Thighearna am ionnsaigh?
Agus is beannaichte ise a chreid: oir coileanar na nithean a labhradh rithe leis an Tighearna.
Dèanaibh-se gàirdeachas anns an là sin, agus leumaibh le aoibhneas: oir feuch, is mòr ur duais air nèamh: oir is ann mar sin a rinn an athraichean air na fàidhean.