Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 1:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑chum gum biodh fios agad air cinnteachd nan nithean anns an deachaidh do theagasg.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

A‑chum gun nochdainn dhut cinnte briathran na fìrinn; a‑chum gum freagradh tu briathran na fìrinn dhaibhsan a chuireas fios ad ionnsaigh?

Ach tha iad seo sgrìobhte, a‑chum gun creideadh sibh gur e Iosa an Crìosd Mac Dhè; agus a’ creidsinn dhuibh, gum biodh agaibh beatha tro a ainm-san.

Bha an duine seo air a theagasg ann an slighe an Tighearna; agus air dha a bhith dian na spiorad, labhair agus theagaisg e gu dìcheallach na nithean a bhuineadh don Tighearna, agus gun eòlas aige ach air baisteadh Eòin.

Agus is aithne dhut a thoil, agus tha thu a’ dearbhadh nan nithean as fheàrr, air dhut a bhith air do theagasg as an lagh;

Ach b’fheàrr leam còig facail a labhairt anns an eaglais lem thuigse, a‑chum gun teagaisginn daoine eile mar an ceudna, na deich mìle facal ann an teangaidhean coimheach.

Co‑roinneadh an neach a tha air a theagasg anns an fhacal ris an neach a tha ga theagasg, anns na h‑uile nithean matha.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan