Ma choimheadas do chlann mo choicheangal agus mo theisteas, a theagasigeas mi dhaibh, suidhidh mar an ceudna an clann-san air do rìgh-chathair gu bràth.
Agus daingnichear an rìgh-chathair ann an tròcair, agus suidhidh e oirre ann am fìrinn, ann am pàillean Dhaibhidh, a’ tabhairt breith, agus a’ rannsachadh na còrach, agus a’ luathachadh ceartais.
An sin thèid a‑steach air geatachan a’ bhaile seo rìghrean agus prionnsachan, nan suidhe air rìgh-chathair Dhaibhidh, a’ marcachd air carbadan agus air eich, iad fhèin agus an ceannardan, fir Iùdah, agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim; agus daingnichear gu bràth a’ chathair seo.
Agus their thu, Cluinn facal an Tighearna, O rìgh Iùdah, a tha ad shuidhe air rìgh-chathair Dhaibhidh, thu fhèin, agus d’òglaich; agus do shluagh a tha a’ dol a‑steach air na dorsan seo;
Agus ann an làithean nan rìghrean seo, cuiridh Dia nèimh suas rìoghachd nach tèid gu sìorraidh a sgrios: agus cha bhi an rìoghachd air a fàgail aig sluagh eile, ach brisidh i nam bloighdean, agus caithidh i na rìoghachdan seo uile, agus seasaidh i gu sìorraidh.
Eiridh bànrighinn na h‑àird a deas anns a’ bhreitheanas maille ris a’ ghinealach seo, agus dìtidh i e: oir thàinig i o na h‑àitean as iomallaiche den talamh a dh’èisdeachd gliocas Sholaimh; agus, feuch, tha nas mò na Solamh an seo.
Gu deimhinn tha mise gur baisteadh le uisge a‑chum aithreachais; ach an tì a thig am dhèidh, is cumhachdaiche e na mi, agus chan airidh mise air a bhrògan a ghiùlan: baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh agus le teine:
Ach dh’fhan esan na thosd, agus cha do fhreagair e nì sam bith. A‑rìs dh’fheòraich an t‑àrd-shagart dheth, agus thubhairt e ris, An tu Crìosd, mac an tì bheannaichte?
Agus ghlaodh e le guth mòr, agus thubhairt e, Ciod mo ghnothach-sa riut, Iosa, a Mhic an Dè as ro‑àirde? Tha mi a’ cur ort à uchd Dhè, gun mo phianadh.
Oir bidh e mòr an làthair an Tighearna, agus chan òl e fìon no deoch làidir; agus bidh e air a lìonadh leis an Spiorad Naomh, eadhon o bhroinn a mhàthar.
Agus fhreagair an t‑aingeal agus thubhairt e rithe, Thig an Spiorad Naomh ort, agus cuiridh cumhachd an Tì as àirde sgàil ort: uime sin an nì naomh sin a bheirear leat, goirear Mac Dhè dheth.
Fhreagair Eòin, ag ràdh riu uile, Tha mise gu dearbh gur baisteadh le uisge; ach tha neach a’ teachd as cumhachdaiche na mise, agus chan airidh mise air barr-iall a bhròg fhuasgladh: baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh agus le teine;
Ach gràdhaichibh-se ur naimhdean, agus dèanaibh math, agus thugaibh iasad, gun dùil a bhith agaibh ri nì sam bith na èirig: agus bidh ur duais mòr, agus bidh sibh nur cloinn don Tì as àirde: oir tha esan toirbheartach dhaibhsan a tha mì‑thaingeil agus olc.
Fhreagair an sluagh e, Chuala sinne as an lagh gum fan Crìosd gu sìorraidh: agus cionnas a tha thusa ag ràdh gur èiginn do Mhac an Duine a bhith air a thogail suas? Cò e Mac an Duine seo?
Air an adhbhar sin air dha a bhith na fhàidh, agus fiosrach gun do mhionnaich Dia le mionnan dha, de thoradh a leasraidh, a rèir na feòla, gun togadh e suas Crìosd, gu suidhe air a rìgh-chathair-san:
Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais ann am Philadelphia, sgrìobh: Na nithean seo tha an Tì naomh ag ràdh, an Tì fìor, an Tì aig a bheil iuchair Dhaibhidh, an Tì a dh’fhosglas, agus cha dùin neach air bith; agus a dhùineas, agus chan fhosgail neach air bith: