Feuch, bidh maighdeann torrach, agus beiridh i mac, agus bheir iad Emanuel mar ainm air, is ionnan sin ri ràdh, air eadar-theangachadh, Dia maille rinn.)
Ach thubhairt an t‑aingeal ris, Na gabh eagal, a Shachariais; oir fhuair d’ùrnaigh èisdeachd, agus beiridh do bhean Elisabet mac dhut, agus bheir thu Eòin mar ainm air.
Agus nuair a choileanadh ochd làithean a‑chum an leanabh a thimcheall-ghearradh, thugadh IOSA mar ainm air, eadhon an t‑ainm a ghairm an t‑aingeal dheth mun do ghabhadh anns a’ bhroinn e.