Chunnacas iomchaidh dhòmhsa mar an ceudna, a Theophiluis ro‑òirdheirc, air faotainn dearbh fhios nan uile nithean dhomh on fhìor thoiseach, sgrìobhadh ad ionnsaigh-sa ann an òrdagh,
Is lìonmhor, a Thighearna mo Dhia, na nithean a rinn thu! D’obraichean iongantach agus do smuaintean dar taobh-ne, chan eil e an comas a chur sìos an òrdagh dhut; nochdainn agus chuirinn an cèill iad, ach tha iad nas lìonmhoire na gun gabh iad àireamh.
Na nithean seo rinn thu, agus bha mise am thosd; shaoil thu gu robh mi gu tur mar thu fhèin; cronaichidh mi thu, agus cuiridh mi gach nì an òrdagh fa chomhair do shùl.
Agus os bàrr, do bhrìgh gu robh an Searmonaiche glic, theagaisg e an còmhnaidh eòlas don t‑sluagh; agus thug e deagh aire, agus shir e a‑mach, agus dheasaich e mòran ghnàth-fhacal.
Chunnacas iomchaidh dhuinn, air dhuinn a bhith cruinn a dh’aon toil, daoine taghte a chur dur n‑ionnsaigh-se, maille ri ar bràithrean gràdhach Barnabas agus Pòl;
Agus nuair a dh’fhan e rè tamaill an sin, dh’imich e, agus chaidh e ann an òrdagh tro thìr Ghalàtia uile agus Phrigia, a’ neartachadh nan deisciobal uile.
Mu thimcheall ar bràthar Apollos, ghuidh mi gu dùrachdach air teachd dur n‑ionnsaigh-se maille ris na bràithrean: ach cha b’i a thoil air chor sam bith teachd aig an àm seo; ach thig e nuair a gheibh e àm iomchaidh.
Ma chuireas tu na nithean seo an cuimhne do na bràithrean, bidh tu ad dheagh mhinistear do Iosa Crìosd, air d’altram suas ann am briathran a’ chreidimh, agus an deagh theagaisg, air an do ghabh thu eòlas: