Sluigidh e suas am bàs le buaidh, agus siabaidh an Tighearna Iehòbhah an deur o gach aghaidh, agus masladh a shluaigh bheir e air falbh on talamh uile; oir labhair an Tighearna e.
Agus nì seachd mnathan greim air aon fhear anns an là sin, ag ràdh, Ar n‑aran fhèin ithidh sinn, agus ar n‑aodach fhèin caithidh sinn; a‑mhàin bitheamaid air ar n‑ainmeachadh ortsa, a thoirt air falbh ar mì‑chliù.
Ach thubhairt an t‑aingeal ris, Na gabh eagal, a Shachariais; oir fhuair d’ùrnaigh èisdeachd, agus beiridh do bhean Elisabet mac dhut, agus bheir thu Eòin mar ainm air.
Tre chreideamh mar an ceudna fhuair Sàrah fhèin neart gu sliochd a ghabhail na broinn, agus rug i leanabh an dèidh dhi dol thar aois cloinne, do bhrìgh gun do mheas i gu robh esan fìrinneach a thug an gealladh.
Agus thubhairt i ra h‑athair, Dèanar an nì seo air mo shon-sa: Leigear leam dà mhìos a‑chum gun imich mi suas agus sìos air na beanntan, agus gun dèan mi caoidh airson m’òigheachd, mi fhèin agus mo bhana-chompanaich.