Agus an dèidh nan làithean sin dh’fhàs a bhean Elisabet torrach, agus dh’fhalaich i i fhèin rè còig mìosan, ag ràdh,
Oir dh’fhàs Sàrah torrach, agus rug i mac do Abrahàm na sheann aois, anns an àm shuidhichte mun do labhair Dia ris.
Agus dh’fhàs a’ bhean torrach, agus rug i mac aig an àm shuidhichte sin mun do labhair Elisa rithe, a rèir àm na beatha.
Agus thàrladh, nuair a choileanadh làithean a fhrithealaidh, gun deachaidh e da thaigh fhèin.
Is ann mar seo a rinn an Tighearna dhomh anns na làithean air an d’amhairc e orm, a thogail dhìom mo mhaslaidh am measg dhaoine.
Bha ann an làithean Heroid, rìgh Iudèa, sagart àraidh dom b’ainm Sacharias, de chùrsa Abia: agus bha a bhean de nigheanan Aaroin, agus b’ainm dhi Elisabet.
Rinn mi an ciad leabhar, a Theophiluis, mu thimcheall nan uile nithean a thòisich Iosa air a dhèanamh agus a theagasg,