Agus nuair a thàinig e a‑mach, cha b’urrainn e labhairt riu: agus thuig iad gum faca e sealladh nèamhaidh anns an teampall: oir bha e a’ smèideadh orra, agus dh’fhan e na thosd.
Agus bheir mise air do theangaidh leantainn rid ghiall, air chor is gum bi thu balbh, agus nach bi thu dhaibh ad fhear-cronachaidh; oir tha iad nan taigh ceannairceach.
Ach air dhàsan smèideadh orra le a làimh iad a bhith nan tosd, chuir e an cèill dhaibh cionnas a thug an Tighearna as a’ phrìosan e. Agus thubhairt e, Innsibh na nithean seo do Sheumas agus do na bràithrean. Agus air dol a‑mach dha, chaidh e gu àit eile.
Agus tharraing iad a‑mach Alecsander as an t‑sluagh, air a bhith do na h‑Iùdhaich ga iomain romhpa. Agus smèid Alecsander le a làimh, agus b’àill leis a leisgeul a ghabhail ris an t‑sluagh.
Agus nuair a thug e cead dha, air do Phòl seasamh air an staidhir, smèid e le làimh air an t‑sluagh, ag iarraidh èisdeachd: agus air fantainn ro‑thosdach dhaibhsan, labhair e riu anns a’ chànain Eabhraidhich, ag ràdh: