Agus, feuch, bidh tu balbh agus gun chomas labhairt, gus an là anns an tig na nithean seo gu crìch, a chionn nach do chreid thu mo bhriathran-sa, a bhios air an coileanadh nan àm fhèin.
Agus fhreagair an ceannard sin an duine le Dia, agus thubhairt e, Feuch a‑nis, ged dhèanadh an Tighearna tuil-dhorsan anns na nèamhan, am faodadh a leithid seo de nì a bhith? Agus thubhairt esan, Feuch, chì thu led shùilean e, ach chan ith thu dheth.
Agus fhreagair ceannard, air làimh an do leig an rìgh a thaic, an duine le Dia, agus thubhairt e, Feuch, ged dhèanadh an Tighearna tuil-dhorsan anns na nèamhan, am faodadh an nì seo a bhith? Agus thubhairt esan, Feuch, chì thusa led shùilean e, ach chan ith thu dheth.
Anns an là sin fosglar do bheul don tì a thèid as, agus labhraidh tu, agus cha bhi thu nas mò balbh, agus bidh tu dhaibh mar chomharradh, agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna.
Agus bheir mise air do theangaidh leantainn rid ghiall, air chor is gum bi thu balbh, agus nach bi thu dhaibh ad fhear-cronachaidh; oir tha iad nan taigh ceannairceach.
Agus labhair an Tighearna ri Maois agus ri Aaron, A chionn nach do chreid sibh mi, a‑chum mo naomhachadh ann an sùilean chloinn Israeil, uime sin cha toir sibh a‑steach an co‑chruinneachadh seo don fhearann a thug mise dhaibh.
An dèidh sin nochdadh e don aon-fhear-deug, agus iad nan suidhe aig biadh, agus thilg e orra am mì‑chreideamh, agus an cruas-cridhe, a chionn nach do chreid iad iadsan a chunnaic e an dèidh dha èirigh.
Ach fhreagair esan, agus thubhairt e ris, O chinnich gun chreideamh, cia fhad a bhios mi maille ribh? Cia fhad a dh’fhuilingeas mi sibh? Thugaibh e am ionnsaigh.
Agus fhreagair an t‑aingeal agus thubhairt e ris, Is mise Gabriel a sheasas an làthair Dhè; agus chuireadh mi a labhairt riutsa, agus a dh’innse na naidheachd mhaith seo dhut.
Agus nuair a thàinig e a‑mach, cha b’urrainn e labhairt riu: agus thuig iad gum faca e sealladh nèamhaidh anns an teampall: oir bha e a’ smèideadh orra, agus dh’fhan e na thosd.
A‑chum tre dhà nì neo-chaochlaideach, anns an robh e eu‑comasach gun dèanadh Dia breug, gum biodh againne comhfhurtachd làidir, a theich a‑chum dìdein gu greim a dhèanamh air an dòchas a chuireadh romhainn: