Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 1:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Sacharias ris an aingeal, Cionnas a bhios a fhios seo agam? Oir is seann duine mise, agus tha mo bhean aosmhor.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt esan, A Thighearna Dhè, cia leis a bhios fhios agam gun sealbhaich mi e?

An sin thuit Abrahàm air a aghaidh, agus rinn e gàire, agus thubhairt e na chridhe, Am beirear mac dhàsan a tha ceud bliadhna a dh’aois? Agus am beir Sàrah, a tha deich agus ceithir-fichead bliadhna a dh’aois, mac?

Uime sin rinn Sàrah gàire innte fhèin, ag ràdh, An dèidh dhòmhsa fàs aosda, am bi subhachas agam, agus gu bheil mo thighearna aosda mar an ceudna?

Agus fhreagair ceannard, air làimh an do leig an rìgh a thaic, an duine le Dia, agus thubhairt e, Feuch, ged dhèanadh an Tighearna tuil-dhorsan anns na nèamhan, am faodadh an nì seo a bhith? Agus thubhairt esan, Feuch, chì thusa led shùilean e, ach chan ith thu dheth.

Agus thubhairt Heseciah, Ciod e an comharradh gun tèid mi suas do thaigh an Tighearna?

Agus thubhairt Muire ris an aingeal, Cionnas a bhios seo, do bhrìgh nach eile aithne agamsa air fear?

Agus cha robh duine cloinne aca, do bhrìgh gu robh Elisabet neo-thorrach, agus bha iad le chèile aosmhor.

Agus air dha gun a bhith anfhann ann an creideamh, cha do chuir e an suim gu robh a chorp fhèin a‑nis marbh, air dha a bhith timcheall ceud bliadhna a dh’aois, no mairbhe brù Shàra:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan