Lùcas 1:17Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thèid e roimhesan ann an spiorad agus ann an cumhachd Eliais, a thionndadh cridhe nan athraichean a‑chum na cloinne, agus nan eas-umhail gu gliocas nam fìrean, a dh’ullachadh pobaill deas don Tighearna. Faic an caibideil |
Agus thubhairt e ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, A chionn gun do chuir thu teachdairean a dh’fhiosrachadh de Bhàal-sebub, dia Ecroin, mar nach biodh Dia ann an Israel a dh’fhiosrachadh de a fhacal, uime sin on leabaidh sin air an deachaidh tu suas, cha tig thu a‑nuas, ach gu cinnteach gheibh thu bàs.
Agus chunnaic mi rìgh-chathraichean, agus shuidh iad orra, agus thugadh breitheanas dhaibh: agus chunnaic mi anaman na muinntir den do chuireadh an cinn airson fianais Iosa, agus facal Dhè, agus nach do rinn adhradh don fhiadh-bheathach, no da ìomhaigh, agus nach do ghabh a chomharradh air clàr an aodainn, no air an làmhan; agus bha iad beò, agus rìoghaich iad maille ri Crìosd rè mìle bliadhna.