Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 1:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach thubhairt an t‑aingeal ris, Na gabh eagal, a Shachariais; oir fhuair d’ùrnaigh èisdeachd, agus beiridh do bhean Elisabet mac dhut, agus bheir thu Eòin mar ainm air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

27 Iomraidhean Croise  

Seo mo choicheangal, a choimheadas sibh, eadar mise agus sibhse agus do shliochd ad dhèidh: Gun timcheall-ghearrar gach leanabh mic nur measg.

Agus thubhairt Dia, Gu cinnteach beiridh do bhean Sàrah mac dhut, agus bheir thu Isaac mar ainm air: agus daingnichidh mise mo choicheangal ris mar choicheangal sìorraidh, agus ra shliochd na dhèidh.

A bheil nì air bith do‑dhèante don Tighearna? Anns an àm shuidhichte tillidh mi ad ionnsaigh, a rèir àm na beatha, agus bidh mac aig Sàrah.

Agus ghuidh Isaac an Tighearna airson a mhnà, a chionn gu robh i neo-thorrach: agus dh’èisd an Tighearna ris, agus dh’fhàs Rebecah a bhean torrach.

Bheir e air a’ mhnaoi a tha gun sliochd còmhnaidh a ghabhail ann an taigh, na màthair ait cloinne.

Molaidh mi thu, oir dh’èisd thu rium, agus is tu mo shlàinte.

Agus dhlùthaich mi ris a’ bhan-fhàidh; agus dh’fhàs i torrach, agus rug i mac: agus thubhairt an Tighearna rium, Thoir mar ainm air Maher-salal-has-bas:

An sin thubhairt e rium, Na biodh eagal ort, a Dhanieil; oir on chiad là anns an do shuidhich thu do chridhe a‑chum tuigsinn, agus a‑chum thu fhèin irioslachadh ann an làthair do Dhè, bha do bhriathran air an cluinntinn, agus tha mise air teachd airson do bhriathran.

Agus thubhairt an Tighearna ris, Goir Iesreel mar ainm air; oir fòs tamall beag, agus dìolaidh mise fuil Iesreeil air taigh Iehu, agus cuiridh mi casg air rìoghachd taigh Israeil.

Agus dh’fhàs i torrach a‑rìs, agus rug i nighean; agus thubhairt Dia ris, Goir Lo‑ruhamah mar ainm oirre; oir cha dèan mise tròcair nas mò air taigh Israeil, ach bheir mi gu tur air falbh iad.

Agus beiridh i mac, agus bheir thu Iosa mar ainm air; oir saoraidh e a shluagh fhèin om peacaidhean.

Ach labhair Iosa riu air ball, ag ràdh, Biodh misneach mhath agaibh; is mise a tha ann, na biodh eagal oirbh.

Ach fhreagair an t‑aingeal agus thubhairt e ris na mnathan, Na biodh eagal oirbhse: oir tha fhios agam gu bheil sibh ag iarraidh Iosa, a chaidh a cheusadh.

Agus thubhairt esan riu, Na biodh eagal oirbh: tha sibh ag iarraidh Iosa o Nàsaret, a cheusadh: dh’èirich e, chan eil e an seo: faicibh an t‑àit anns an do chuir iad e.

Agus bidh aoibhneas agus subhachas ort; agus nì mòran gàirdeachas ra bhreith.

Agus thubhairt an t‑aingeal rithe, Na biodh eagal ort, a Mhuire: oir fhuair thu deagh-ghean o Dhia.

Agus nuair a choileanadh ochd làithean a‑chum an leanabh a thimcheall-ghearradh, thugadh IOSA mar ainm air, eadhon an t‑ainm a ghairm an t‑aingeal dheth mun do ghabhadh anns a’ bhroinn e.

Agus thubhairt e, A Chorneliuis, fhuair d’ùrnaigh èisdeachd, agus tha do dhèircean air an cuimhneachadh am fianais Dhè.

Agus thubhairt an Tighearna ris, Sìth dhut; na biodh eagal ort: chan fhaigh thu bàs.

Agus dh’amhairc an Tighearna air Hanah, agus dh’fhàs i torrach, agus rug i trì mic, agus dà nighinn. Agus dh’fhàs an leanabh Samuel suas am fianais an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan