Agus cuiridh e an tùis air an teine an làthair an Tighearna, a‑chum gun còmhdaich neul na tùise a’ chathair-thròcair, a tha air an Fhianais, agus nach faigh e bàs.
Agus fhreagair an t‑aingeal agus thubhairt e ris, Is mise Gabriel a sheasas an làthair Dhè; agus chuireadh mi a labhairt riutsa, agus a dh’innse na naidheachd mhaith seo dhut.
Agus air dol a‑steach don aingeal da h‑ionnsaigh, thubhairt e, Fàilte dhut, O thusa don do nochdadh mòr dheagh-ghean tha an Tighearna maille riut: is beannaichte thu am measg bhan.
Agus dh’fhoillsich aingeal an Tighearna e fhèin don mhnaoi, agus thubhairt e rithe, Feuch a‑nis, tha thu aimrid, agus cha do rug thu fhathast clann: ach fàsaidh tu torrach, agus beiridh tu mac.
Agus dh’èisd Dia ri guth Mhanòah; agus thàinig aingeal Dhè a‑rìs a dh’ionnsaigh na mnà, agus i na suidhe anns an achadh: ach cha robh Manòah a fear maille rithe.