Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 1:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha coitheanal an t‑sluaigh uile a’ dèanamh ùrnaigh a‑muigh ri àm na tùise.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Cuirear m’ùrnaigh ad làthair, mar thùis; togail suas mo làmh, mar an ìobairt fheasgair.

Mar an ceudna nì sluagh an fhearainn adhradh aig doras a’ gheata seo an làthair an Tighearna, air na sàbaidean, agus air na gealaichean nuadha.

Agus duine sam bith cha bhi ann am pàillean a’ choitheanail, nuair a thèid e a dhèanamh rèite anns an ionad naomh, gus an tig e a‑mach, agus gu bheil e air dèanamh rèite air a shon fhèin, agus airson a thaighe, agus airson uile choitheanal Israeil.

Aon spàin òir de dheich seceil, làn de thùis:

Do bhrìgh uime sin gu bheil againn Ard-shagart mòr, a chaidh a‑steach do na nèamhan, Iosa Mac Dhè, cumamaid gu daingeann ar n‑aidmheil.

Oir cha deachaidh Crìosd a‑steach do na h‑ionadan naomha làmh-dhèante, nithean a tha nan samhladh air an fhìor ionad; ach do nèamh fhèin, a‑chum a‑nis e fhèin a nochdadh ann am fianais Dhè air ar son-ne:

Agus thàinig aingeal eile, agus sheas e aig an altair, agus tùiseir òir aige; agus thugadh dha mòran tùise, a‑chum gun tugadh e e suas maille ri ùrnaighean nan uile naomh, air an altair òir a bha an làthair na rìgh-chathrach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan