Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Lùcas 1:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Do bhrìgh gun do ghabh mòran os làimh eachdraidh a sgrìobhadh ann an òrdagh air na nithean sin a tha air an coileanadh nar measg-ne;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus air dhaibhsan dol a‑mach, shearmonaich iad anns gach àit, air a bhith don Tighearna a’ co‑obrachadh leo, agus a’ daingneachadh an fhacail leis na comharraidhean a lean e. Amen.

Ach tha iad seo sgrìobhte, a‑chum gun creideadh sibh gur e Iosa an Crìosd Mac Dhè; agus a’ creidsinn dhuibh, gum biodh agaibh beatha tro a ainm-san.

Tha meas aig neach air là thar là: agus tha meas aig neach eile air gach là mar a chèile. Biodh làn-dearbhadh aig gach duine na inntinn fhèin.

Agus bha làn-chinnt aige, an tì a thug an gealladh, gur comasach e air a choileanadh.

Ionnas gum faigheadh an cridhe sòlas, air dhaibh a bhith air an dlùth-cheangal ri chèile ann an gràdh, agus a‑chum uile shaoibhreas an làn dearbhachd tuigse, a‑chum eòlas rùn-diamhair Dhè, eadhon an Athar, agus Chrìosd;

Tha Epaphras, a tha dhibh fhèin, seirbhiseach Chrìosd, a’ cur fàilte oirbh, a‑ghnàth a’ dèanamh spàirn dhùrachdaich air ur son ann an ùrnaighean, a‑chum gun seas sibh foirfe agus coileanta, ann an uile thoil Dhè.

Oir cha tàinig ar soisgeul-ne dur n‑ionnsaigh-se ann am facal a‑mhàin, ach mar an ceudna ann an cumhachd, agus anns an Spiorad Naomh, agus ann am mòr làn-dearbhachd; mar as aithne dhuibh ciod a’ ghnè dhaoine bha annainn nur measg air ur son-se.

Agus gun amharas is mòr rùn-diamhair na diadhachd: dh’fhoillsicheadh Dia anns an fheòil, dh’fhìreanaicheadh e anns an Spiorad, chunnacas le ainglean e, shearmonaicheadh e do na Cinnich, chreideadh ann air an t‑saoghal, ghabhadh suas e a‑chum glòire.

Gidheadh, sheas an Tighearna làimh rium, agus neartaich e mi; a‑chum tromhamsa gum biodh an searmonachadh air a làn-fhoillseachadh, agus gun cluinneadh na cinnich uile e: agus shaoradh mi à beul an leòmhainn.

Thigeamaid am fagas le cridhe fìor, ann an làn dearbhachd a’ chreidimh, le ar cridheachan air an crath-ghlanadh o dhroch cogais, agus le ar cuirp air an nighe le uisge glan.

Agus is miann leinn gun dèan gach aon agaibh an dùrachd ceudna a nochdadh, a‑chum làn-dearbhadh an dòchais gus a’ chrìoch:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan