A‑chum an t‑Asirianach a bhriseadh nam dhùthaich, agus a shaltradh fom chasan air mo shlèibhtean: an sin falbhaidh a chuing dhiubh, agus togar a eallach bhàrr an guaille.
Oir tàrlaidh anns an là sin, deir Tighearna nan sluagh, gum bris mise a chuing bhàrr do mhuineil, agus a chuibhrichean sgaoilidh mi as a chèile; agus cha ghabh coigrich nas mò seirbhis dheth.
Agus bheir mi air do luchd-sàrachaidh am feòil fhèin ithe; agus cuiridh mi air mhisg iad lem fuil fhèin, mar le fìon nuadh; agus bidh fhios aig gach uile fheòil gur mise an Tighearna do Shlànaighear, agus gur e d’fhear-saoraidh Tì cumhachdach Iàcoib.
Is mise an Tighearna ur Dia a thug sibhse a‑mach à tìr na h‑Eiphit, a‑chum is nach biodh sibh nur tràillean aca; agus bhris mi cuibhreach ur cuinge, agus thug mi oirbh imeachd dìreach.
Agus led chlaidheamh thig thu beò, agus dod bhràthair nì thu seirbhis: agus nuair a bhios an uachdaranachd agad, an sin brisidh tu a chuing od mhuineal.
Agus gun dìochuimhnicheadh tu an Tighearna do Chruithear a shìn a‑mach na nèamhan, agus a leag stèidh na talmhainn; agus gum biodh sìor-eagal ort gach là, airson corraich an fhir-shàrachaidh, mar gum biodh e ullamh gu sgrios? Agus càit a bheil corraich an fhir-shàrachaidh?
Bha corraich orm rim shluagh; thruaill mi m’oighreachd, agus thug mi thairis iad dod làimh; cha do nochd thusa tròcair dhaibh; air an aosda leag thu do chuing gu trom.
Oir tha gach uile chath an fhir-chogaidh le cruaidh iomairt, agus aodach air a thumadh ann am fuil; ach bidh seo le losgadh, agus connadh airson an teine.
Gabhadh mo dhìobaraich tàmh maille riut, O Mhòaib; bi ad ionad-falaich dhaibh on mhilltear; oir thàinig crìoch air an fhear-shàrachaidh, sguir am fear-millidh; tha an luchd-saltairt air an caitheamh as an tìr.
Guilibh air a shon, sibhse uile mun cuairt dha; agus sibhse uile don aithne a ainm, abraibh, Cionnas a bhriseadh slat-rìoghail na treasa, lorg na maise!
Air an adhbhar sin cuiridh an Tighearna, Tighearna nan sluagh, caoile air a’ mhuinntir reamhair; agus fo a òirdheirceas fadaidh e losgadh, mar losgadh teine.