Isaiah 8:7Am Bìoball Gàidhlig 1992Uime sin, feuch, bheir an Tighearna a‑nìos orra uisgeachan na h‑aibhne, làidir agus lìonmhor, eadhon rìgh Asiria agus a uile ghreadhnachas; agus èiridh e os cionn a chlaisean uile, agus thèid e thar a uile bhruachan. Faic an caibideil |
Mar seo deir an Tighearna, Feuch, tha uisgeachan a’ teachd a‑nìos on àird a tuath, agus fàsaidh iad nan tuil a thig thairis, agus a chòmhdaicheas am fearann, agus gach nì a tha ann; a’ chathair, agus iadsan a tha ga h‑àiteachadh: agus èighidh na daoine gu h‑àrd, agus nì uile luchd-àiteachaidh na tìre tuireadh.