Bheir e briathar air an là sin, ag ràdh, Cha bhi mise am fhear-slànachaidh dhuibh; oir ann am thaigh-sa chan eil biadh no aodach; na cuiribh mise suas am fhear-riaghlaidh air an t‑sluagh.
Nuair a chunnaic Ephraim a thinneas, agus Iùdah a chreuchd, an sin chaidh Ephraim a‑chum an Asirianaich, agus chuir e fios gu rìgh Iareb: gidheadh cha b’urrainn e ur leigheas, cha mhò a shlànaich e ur creuchd.
Cha do neartaich sibh an lag, cha mhò a leighis sibh an tinn, cha mhò a cheangail sibh suas esan a bha briste, cha mhò a thug sibh air ais a’ chuid a sgapadh, cha mhò a dh’iarr sibh a’ chuid a chailleadh; ach le ainneart riaghail sibh iad, agus le an‑iochd.
Ciod a thàirngeas mi mar fhianais ad aghaidh? Ciod an nì a shamhlaicheas mi riut, O nighean Ierusaleim? Ciod a choimeasas mi riut, a‑chum gun tugainn comhfhurtachd dhut, O òigh-nighean Shioin? Oir tha do bhriseadh mòr mar an fhairge; cò a dh’fhaodas do leigheas?
An do chuir thu gu tur cùl ri Iùdah? An d’fhuathaich d’anam Sion? Cuime an do bhuail thu sinn, agus gun aon chobhair againn? Bha ar sùil ri sìth, ach math cha tàinig; agus ri àm leighis, agus feuch àmhghar!
Agus togaidh iadsan a ghinear uat na seann làraichean; togaidh tu suas bunaitean nan iomadh ginealach; agus goirear dhìot Fear-càraidh a’ bheuma, Fear-aisig nan ròidean a‑chum a bhith air an àiteachadh.