Agus taghaidh tu a‑mach as an t‑sluagh uile daoine foghainteach air am bi eagal Dhè, daoine fìrinneach, a dh’fhuathaicheas sannt; agus cuiridh tu iad os an cionn nan uachdarain mhìltean, nan uachdarain cheudan, nan uachdarain lethcheudan, agus nan uachdarain dheichnear.
Agus thubhairt Maois ris an Tighearna, O mo Thighearna, cha duine deas-chainnteach mi, aon chuid roimhe seo, no on àm anns an do labhair thusa rid sheirbhiseach: do bhrìgh gu bheil mi mall ann an cainnt, agus mall ann an teangaidh.
Uime sin tha mo shluagh air dol ann am braighdeanas, a chionn gu bheil iad gun eòlas; agus tha an uaislean air bàsachadh le gort, agus an ìslean air tiormachadh le tart.
Agus ghabh mi cinn ur treubhan, daoine glice agus aithnichte, agus rinn mi iad nan ceannardan oirbh, nan uachdarain mhìltean, agus nan uachdarain cheudan, agus nan uachdarain lethcheudan, agus nan uachdarain dheichnear, agus nan luchd-riaghlaidh am measg ur treubhan.
An sin thubhairt e ri Sèba agus ri Salmuna, Ciod a’ ghnè dhaoine a mharbh sibh ann an Tabor? Agus fhreagair iad, Mar tha thusa, is amhail a bha iadsan; gach aon cosmhail ri cloinn rìgh.
Agus gan cur nan ceannardan dha fhèin air mhìltean, agus nan ceannardan air lethcheudan, agus a threabhadh a fhearainn, agus a bhuain a fhoghair, agus a dhèanamh innealan-cogaidh air a shon, agus innealan airson a charbad.