Agus bidh duine mar ionad-fasgaidh on ghaoith, agus mar dhìdein on doininn; mar shruthan uisge ann an àite tioram, mar sgàil creige mòire ann an tìr airtnealaich.
Oir nuair a thug Iesebel fa‑near fàidhean an Tighearna a ghearradh as, ghabh Obadiah ceud fàidh, agus dh’fhalaich e iad nan lethcheudan ann an uaimh, agus bheathaich e iad le aran agus uisge:)
Uime sin, O rìgh, biodh mo chomhairle-sa taitneach leat, agus bris air falbh do pheacaidhean le fìreantachd, agus d’euceartan le tròcair a nochdadh do na bochdan, a dh’fheuchainn am buanaichear do shìochaint.
Mar seo deir an Tighearna, Cuiribh an gnìomh breitheanas agus ceartas, agus saoraibh an duine sàraichte o làimh an fhir-shàrachaidh: agus na dèanaibh foill: na dèanaibh ainneart air a’ choigreach, air an dìlleachdan, air a’ bhantraich, cha mhò a dhòirteas sibh fuil neo-chiontach anns an àite seo.
O thaigh Dhaibhidh, mar seo deir Iehòbhah, Dèanaibh gu moch breitheanas, agus saoraibh an duine sàraichte o làimh an fhir-shàrachaidh, mun tèid mo chorraich-sa a‑mach mar theine, agus mun las i air chor is nach faodar a mùchadh, airson aingidheachd ur gnìomharan.
Mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, a tha a’ cruinneachadh ri chèile dìobarraich Israeil: Fhathast cruinnichidh mi muinntir eile da ionnsaigh, os bàrr orrasan a tha air an cruinneachadh.
Oir bha thu ad neart don bhochd, ad neart don fheumach na airc; ad dhìdean on doininn, ad sgàil on teas; nuair a bha gaoth nan uamhasach mar dhoininn a’ sèideadh ris a’ bhalla.
Oir rugadh dhuinne duine-cloinne, thugadh dhuinne mac; agus bidh an uachdaranachd air a ghualainn; agus goirear mar ainm dheth, Iongantach, Comhairliche, an Dia cumhachdach, an t‑Athair sìorraidh, Prionnsa na sìthe.
Fòghlamaibh math a dhèanamh; iarraibh breitheanas; dèanaibh fuasgladh air an fhear a tha sàraichte; cumaibh còir ris an dìlleachdan; tagraibh cùis na bantraich.
Agus thubhairt an dris ris na craobhan, Mas e is da‑rìribh gun ung sibh mise am rìgh oirbh, thigibh, cuiribh ur dòchas am sgàil-sa: agus mura dèan sibh seo, thigeadh teine a‑mach as an dris, agus loisgeadh e seudair Lebanoin.
Nach e d’aran a roinn ris an acrach, agus aoidheachd a thoirt do na bochdan seachranach; nuair a chì thu an lomnochd gun còmhdaich thu e; agus nach falaich thu thu fhèin od fheòil fhèin?