Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Isaiah 10:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ho, Asirianaich, slat mo chorraich; agus am bata nan làimh is e sin m’fhearg.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

31 Iomraidhean Croise  

Agus sìnidh e a‑mach a làmh an aghaidh na h‑àird a tuath, agus sgriosaidh e Asiria; agus nì e Ninebheh na làraich luim, tioram mar am fàsach.

Agus bheir an Tighearna fa‑near gun cluinnear a ghuth glòrmhor, agus gum faicear leagadh a‑nuas a ghàirdein, le corraich ghairg, agus le lasair teine chaithtich; le sgapadh, agus doininn, agus clachan-meallain.

A‑chum an t‑Asirianach a bhriseadh nam dhùthaich, agus a shaltradh fom chasan air mo shlèibhtean: an sin falbhaidh a chuing dhiubh, agus togar a eallach bhàrr an guaille.

An dèan an tuagh uaill an aghaidh an fhir a tha a’ gearradh leatha? An àrdaich an tuireasg e fhèin an aghaidh an fhir a tha ga iomairt? Mar gun sìneadh an t‑slat i fhèin an aghaidh an neach a tha ga togail; no mar gun togadh an lorg suas e fhèin mar nach b’fhiodh a bha ann.

Nuair a chì sibh seo nì ur cridhe gàirdeachas; agus bidh ur cnàmhan ùrar mar am feur; agus foillsichear làmh an Tighearna da òglaich; ach lasaidh a fhearg an aghaidh a naimhdean.

Tha iad a’ teachd o thìr chèin, o iomall nan nèamhan, an Tighearna agus buill-airm a chorraich, a mhilleadh na tìre gu lèir.

Oir mun aithne don leanabh M’athair agus Mo mhàthair a ràdh, togar air falbh saoibhreas Dhamascais agus creach Shamaria ro rìgh Asiria.

Oir cha ghabh slat nan daoi tàmh air crannchur nam fìrean, air eagal gun sìneadh na fìreanan an làmhan a‑chum euceirt.

O dhaoine led làimh, a Thighearna, o dhaoine an t‑saoghail, dom bheil an cuibhreann anns a’ bheatha seo, agus don do lìon thu am brù led ionmhas falaichte: sàsaichear an clann, agus fàgaidh iad am fuidheall dan naoidheanan.

As an tìr sin chaidh a‑mach Asur, agus thog e Ninebheh, agus baile Rehobot, agus Calah,

Nach cuala tu o chionn fada cionnas a rinn mi e, agus on aimsir chèin gun do dhealbh mi e? A‑nis thug mi gu crìch e, gum biodh tusa a‑chum bailtean daingnichte fhàsachadh nan cùirn sgrios.

Bheir an Tighearna ortsa, agus air do shluagh, agus air taigh d’athar, làithean nach robh an leithidean ann on là anns an do dhealaich Ephraim ri Iùdah; eadhon rìgh Asiria.

Anns an là sin lomaidh an Tighearna le ealtainn thuarasdail, leis an t‑sluagh air taobh thall na h‑aibhne, le rìgh Asiria, an ceann agus fionnadh nan casan; agus bearraidh i eadhon an fheusag.

Uime sin, feuch, bheir an Tighearna a‑nìos orra uisgeachan na h‑aibhne, làidir agus lìonmhor, eadhon rìgh Asiria agus a uile ghreadhnachas; agus èiridh e os cionn a chlaisean uile, agus thèid e thar a uile bhruachan.

Ach fhathast ùine ro‑gheàrr, agus coileanar m’fhearg, agus mo chorraich nan lèirsgrios.

Mhionnaich Tighearna nan sluagh, ag ràdh, Gu cinnteach mar a dhealbh mise, mar sin tàrlaidh; agus mar a chuir mi romham, bidh sin air bhuil;

Feuch tìr nan Caldèanach; cha robh an sluagh seo ann gus an do shuidhich an t‑Asirianach i airson luchd-àiteachaidh an fhàsaich; thog iad a baidealan, chuir iad suas a lùchairtean; agus rinn e a sgrios.

Thig, O mo shluagh, imich a‑steach dod sheòmraichean, agus druid do dhorsan mun cuairt dhut; falaich thu fhèin car tamaill bhig, car tiota, gus an gabh a’ chorraich thairis.

Feuch, tha ainm an Tighearna a’ teachd o chèin, a’ losgadh le fheirg, agus an eallach trom; tha a bhilean air an lìonadh le corraich, agus a theanga mar theine caithteach.

Oir tha fearg air an Tighearna an aghaidh nan cinneach uile; agus corraich an aghaidh an slògh uile; chuir e as dhaibh, thug e thairis iad a‑chum casgairt.

Feuch an là, feuch, thàinig e; chaidh a’ mhadainn a‑mach, thàinig blàth air an t‑slait, ùr‑fhàs air an uabhar.

Uime sin dhòirt mi a‑mach orra mo dhian-chorraich; chaith mi iad le teine m’fheirge: an slighe fhèin dhìol mi air an cinn, deir an Tighearna Dia.

Nach eil thusa o shìorraidheachd, O Thighearna, mo Dhia-sa, m’aon naomh? Cha bhàsaich sinn. O Thighearna, dh’òrdaich thu iadsan airson breitheanais; agus, O Dhè chumhachdaich, dhaingnich thu iad airson smachdachaidh.

Agus thig longan o iomall Chitim, agus nì iad olc air Asur, agus nì iad olc air Eber, agus sgriosar esan mar an ceudna gu bràth.

Ach a‑nis, an ann as eugmhais an Tighearna a thàinig mise a‑nìos an aghaidh an àite seo ga sgrios? Is e an Tighearna a thubhairt riumsa, Falbh suas an aghaidh na tìre seo, agus sgrios i.

Gidheadh teannaichidh mise Ariel, agus bidh caoidh agus bròn ann; agus bidh e dhòmhsa mar Ariel.

Gur sluagh ceannairceach seo, clann bhreugach, clann leis nach àill èisdeachd a thabhairt do lagh an Tighearna:

Agus nì an rìgh a rèir a thoile fhèin; agus àrdaichidh e e fhèin, agus togar e na mhòrchuis os cionn gach dè, agus labhraidh e nithean iongantach an aghaidh Dia nan dia, agus soirbhichidh leis gus an coileanar a’ chorraich: oir nìthear an nì sin a dh’òrdaicheadh.

An fhàistneachd mu thimcheall Ninebheh. Leabhar sealladh Nahum an t‑Elcosach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan