Agus tha nighean Shioin air a fàgail mar bhothan ann am fìonlios, mar thaigh-fasgaidh ann an gàrradh chularan, mar bhaile air a theannachadh le naimhdean.
Tha ur tìr fàs, tha ur bailtean air an losgadh le teine; ur fearann, tha coigrich ga ithe suas nur làthair; agus dh’fhàsaicheadh e, mar gum biodh e air a sgrios le sluagh coimheach.
Teichidh aon mhìle ro achmhasan aoin; ro achmhasan chòignear teichidh sibh, gus am fàgar sibh mar chrann lom air mullach slèibh, agus mar bhrataich air cnoc.
Seo am facal a labhair an Tighearna ma thimcheall-san: Rinn òigh-nighean Shioin tàir ort, rinn i gàire fanaid riut; chrath nighean Ierusaleim a ceann air do chùlaibh.
Theagamh gun tabhair an Tighearna do Dhia fa‑near briathran Rab-saceh, a chuir a thighearna rìgh Asiria a mhaslachadh an Dè bheò; agus gun cronaich e na briathran a chuala an Tighearna do Dhia: cuir thusa, matà, suas ùrnaigh airson an iarmaid a dh’fhàgadh.
Nuair a nigheas an Tighearna air falbh salchar nighean Shioin, agus a ghlanas e fuil Ierusaleim as a meadhon, le spiorad breitheanais, agus le spiorad losgaidh.
An sin their thu ann ad chridhe, Cò a ghin dhomh iad seo? Oir dh’fhàgadh mi gun chloinn agus am aonar, am fhògarrach agus air m’fhuadachadh; agus cò a dh’àraich iad seo? Feuch, dh’fhàgadh mi am aonar; iad seo, càit an robh iad?
Feuch, ghlaodh an Tighearna gu iomall an domhain; abraibh ri nighinn Shioin, Feuch, tha do Shlànaighear a’ teachd; feuch, tha a luigheachd maille ris, agus duais a obrach na làthair.
Agus gabhaidh e roimhe air feadh Iùdah, a’ ruith thairis agus a’ sgaoileadh; eadhon gus am muineal ruigidh e; agus lìonaidh sgaoileadh a sgiathan leud do thìre-sa, O Imanueil.
Cionnas a tharraing an Tighearna na chorraich neul air nighinn Shioin, agus a thilg e sìos o nèamh gu talamh maise Israeil! Agus cha do chuimhnich e stòl a choise ann an là a fheirge!
Agus sgaoil e as a chèile a phàillean mar challaid; sgrios e a choitheanal fhèin; leig an Tighearna as aire ann an Sion an àrd-fhèill agus an t‑sàbaid; agus rinn e tàir, ann an teas a chorraich, air an rìgh agus air an t‑sagart.
Dèan gàirdeachas gu mòr, O nighean Shioin; tog iolach, O nighean Ierusaleim: feuch, tha do rìgh a’ teachd ad ionnsaigh; is Fìrean agus is Slànaighear e; iriosal, agus a’ marcachd air asail, agus air searrach, mac na h‑asail.