Tha ur tìr fàs, tha ur bailtean air an losgadh le teine; ur fearann, tha coigrich ga ithe suas nur làthair; agus dh’fhàsaicheadh e, mar gum biodh e air a sgrios le sluagh coimheach.
Uime sin thug an Tighearna a Dhia thairis e an làimh rìgh nan Sirianach; agus bhuail iad e, agus thug iad leo mòran dhiubh nam braighdean, agus thug iad iad gu Damascas: agus thugadh mar an ceudna thairis e an làimh rìgh Israeil, a bhuail e le àr mòr.
Agus tha nighean Shioin air a fàgail mar bhothan ann am fìonlios, mar thaigh-fasgaidh ann an gàrradh chularan, mar bhaile air a theannachadh le naimhdean.
Oir tha Ierusalem air aomadh sìos, agus Iùdah air tuiteam; a chionn gu bheil an teanga agus an dèanadas an aghaidh an Tighearna, a chur cathachaidh air sùilean a ghlòire.
Oir d’ionadan fàsail agus faondrach, agus fearann do lèirsgrios, eadhon a‑nis bidh e air a dhòmhlachadh le luchd-àiteachaidh; agus siùbhlaidh iadsan fad air falbh a bha gad shlugadh suas.
An sin thubhairt mise, Cia fhad, a Thighearna? Agus thubhairt esan, Gus an cuirear bailtean fàs, gun neach gan àiteachadh; agus taighean, gun duine a’ gabhail còmhnaidh annta; agus gum bi am fearann gu tur air a fhàsachadh;
An àite thu a bhith air do thrèigsinn, agus air d’fhuathachadh, air chor is nach do shiubhail aon neach tromhad, nì mi thu ad òirdhearcas sìorraidh, ad adhbhar-gàirdeachais feadh linn nan linn.
Mhionnaich an Tighearna air a làimh dheis, agus air a ghàirdean cumhachdach, Cha tabhair mi nas mò d’arbhar mar lòn dod naimhdean; cha mhò a dh’òlas clann a’ choigrich d’fhìon nuadh, airson an do shaothraich thu:
Oir loisgidh aingidheachd mar theine; ithidh i suas an dris agus an droigheann; agus cuiridh i ri theine badan na frìthe; agus èiridh iad an àird nan smùid a’ dol suas.
Oir tha gach uile chath an fhir-chogaidh le cruaidh iomairt, agus aodach air a thumadh ann am fuil; ach bidh seo le losgadh, agus connadh airson an teine.
Thàinig an leòmhann a‑nìos o a dhoire, agus tha milltear nan cinneach air a thuras: dh’imich e a‑mach as àite a‑chum d’fhearann a dhèanamh na fhàsach; bidh do bhailtean air an sgrios, air chor is nach bi aon gan àiteachadh.
Uime sin bha m’fhearg agus mo chorraich air a taomadh a‑mach, agus air a lasadh ann am bailtean Iùdah, agus ann an sràidean Ierusaleim, agus tha iad nam fàsach, agus nan làraich sgaoilte, mar air an là‑an‑diugh.
An sin cuiridh mise cosgadh ann am bailtean Iùdah, agus ann an sràidean Ierusaleim, air guth an t‑subhachais, guth an aoibhneis, guth an fhir nuadh-phòsda, agus guth na mnà nuadh-phòsda; bidh an dùthaich na fàsach.
Feuch, uime sin, bheir mise thairis thu do mhuinntir na h‑àird an ear mar sheilbh, agus suidhichidh iad annad an àrois, agus nì iad an àite-còmhnaidh annad: ithidh iad do mheas, agus òlaidh iad do bhainne.
Agus nì mise na h‑aibhnichean tioram, agus reicidh mi am fearann ri làimh nan aingidh; agus nì mi an tìr fàs, agus na h‑uile a tha innte, le làimh nan coimheach: mise Iehòbhah labhair e.
Oir chuir iad a’ ghaoth, agus buainidh iad a’ chuairt-ghaoth: chan eil toradh air an dèis; cha toir i uaipe min; no, ma bheir, sluigidh coigrich suas i.
An sin mealaidh am fearann a shàbaidean, am fad is a laigheas e fàs, agus a bhios sibhse ann am fearann ur naimhdean; eadhon an sin gabhaidh am fearann fois, agus mealaidh e a shàbaidean.
Toradh d’fhearainn, agus do shaothair uile, ithidh cinneach suas nach b’aithne dhut; agus bidh tu a‑mhàin fo fhòirneart agus air do bhruthadh an còmhnaidh:
Agus gu bheil a thalamh uile na phronnasg, agus na shalann, agus na losgadh, nach eil e air a chur, no a’ toirt toraidh uaithe, agus nach eil feur sam bith a’ fàs ann, cosmhail ri sgrios Shòdoim agus Ghomorrah, Admah agus Sheboim, a sgrios an Tighearna na fheirg, agus na chorraich;