Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 9:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt iad ris, O dhùthaich ro‑fhada air astar thàinig do sheirbhisich, air sgàth ainm an Tighearna do Dhia: oir chuala sinn a iomradh-san, agus gach nì a rinn e anns an Eiphit,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Os bàrr, a‑thaobh coigrich nach eil ded shluagh Israel, ach a thig à tìr chèin air sgàth d’ainme-sa;

Agus thubhairt na Lèbhithich, Iesua agus Cadmiel, Bani, Hasabniah, Serebiah, Hodiah, Sebaniah, agus Petahiah, Eiribh, beannaichibh an Tighearna ur Dia gu saoghal nan saoghal: agus beannaichte gu robh d’ainm glòrmhor-sa, a tha air àrdachadh os cionn gach beannachaidh agus cliù.

Moladh iad sin ainm an Tighearna, oir tha a ainm-san a‑mhàin urramach, tha a ghlòir os cionn na talmhainn agus nan nèamh.

Agus beannaichte gu robh a ainm glòrmhor-san gu sìorraidh, agus lìonar an talamh uile le a ghlòir! Amen agus Amen!

An làthair an athraichean rinn e nithean iongantach, ann an tìr na h‑Eiphit, ann am machair Shòain.

A‑chum gum bi fhios aig daoine gur tusa a‑mhàin don ainm Iehòbhah, an Tì as àirde os cionn na talmhainn uile.

Nuair a chluinneas na cinnich bidh eagal orra; thig doilgheas air luchd-àiteachaidh Phailistìna.

Agus gu deimhinn airson seo thog mi suas thu, a‑chum is gun nochdainn annad mo chumhachd, agus gum biodh m’ainm iomraiteach anns an domhan uile.

Feuch, gairmidh tu cinneach nach b’aithne dhut; agus cinnich do nach b’aithne thu, ruithidh iad ad ionnsaigh, air sgàth an Tighearna do Dhia, agus airson Tì naomh Israeil; oir ghlòraich e thu.

Agus cuiridh mi comharradh nam measg; agus a’ mhuinntir a thèid as dhiubh cuiridh mi a dh’ionnsaigh nan cinneach, gu Tarsis, Pul, agus Lud, a thàirngeas am bogha; gu Tubal agus Iabhan, na crìochan fad as; nach cuala iomradh orm, agus nach faca riamh mo ghlòir; agus cuiridh iad an cèill mo ghlòir am measg nan cinneach.

A‑nis, ma mharbhas tu an sluagh seo uile mar aon duine, an sin labhraidh na cinnich a chuala iomradh ort, ag ràdh,

Agus chuir Maois teachdairean o Chadeis gu rìgh Edoim, Mar seo tha do bhràthair Israel ag ràdh, Tha fhios agad air an t‑saothair sin uile a thàinig oirnne;

Oir chaidh spioradan neòghlan a‑mach à mòran anns an robh iad, a’ glaodhaich le guth mòr: agus chaidh mòran air an robh a’ phairilis, agus a bha nam bacaich, a shlànachadh.

Agus tàrlaidh, ma bheir e freagradh na sìthe dhut, agus ma dh’fhosglas e dhut, an sin tàrlaidh, gum bi an sluagh uile a gheibhear ann fo chìs dhut, agus gun dèan iad seirbhis dhut.

Mar seo nì thu ris na bailtean sin uile a tha ro‑fhada uat, nach eil de bhailtean nan cinneach sin.

Agus gach nì a rinn e ri dà rìgh nan Amorach, a bha an taobh thall de Iòrdan, ri Sihon rìgh Hesboin, agus ri Og rìgh Bhasain, a bha aig Astarot;

Agus thachair an ceann trì làithean, an dèidh dhaibh coicheangal a dhèanamh riu, gun cuala iad gum b’iad an coimhearsnaich iad, agus gu robh iad a chòmhnaidh nam measg.

Agus chaidh clann Israeil air an aghaidh, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh am bailtean air an treas là: a‑nis b’iad am bailtean Gibeon, agus Chephirah, agus Beerot, agus Ciriat-iearim.

Agus fhreagair iad Iosua, agus thubhairt iad, Do bhrìgh gun d’innseadh gu cinnteach dod sheirbhisich cionnas a dh’àithn an Tighearna do Dhia da òglach Maois am fearann uile a thoirt dhuibh, agus luchd-àiteachaidh na tìre uile a sgrios romhaibh, uime sin bha eagal mòr ar n‑anaman oirnn romhaibh, agus rinn sinn an nì seo.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan