Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 9:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt fir Israeil ris na Hibhich, Theagamh gu bheil sibh a chòmhnaidh nar measg, agus cionnas a dh’fhaodas sinne coicheangal a dhèanamh ribh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus an t‑Hibheach, agus an t‑Harcach, agus an Sineach,

Agus nuair a chunnaic Sechem mac Hamoir, an t‑Hibheach, uachdaran na tìre, i, ghabh e i, agus laigh e leatha, agus thruaill e i.

Agus thàinig iad gu daingneach Thìruis, agus gu uile bhailtean nan Hibheach, agus nan Canàanach; agus chaidh iad a‑mach don taobh mu dheas de Iùdah, gu Beersèba.

Ach ma dh’èisdeas tu da‑rìribh ri a ghuth, agus ma nì thu gach nì a labhras mise, an sin bidh mi am nàmhaid dod nàmhaid-sa, agus claoidhidh mi iadsan a chlaoidheas thu:

Agus thàinig mi a‑nuas gan saoradh à làimh nan Eiphiteach, agus gan toirt suas a‑mach as an fhearann sin, gu fearann math agus farsaing, gu fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil; gu àite nan Canàanach, agus nan Hiteach, agus nan Amorach, agus nam Peridseach, agus nan Hibheach, agus nan Iebusach.

Thoir an aire dhut fhèin, air eagal gun dèan thu coicheangal ri luchd-àiteachaidh na tìre da bheil thu a’ dol, air eagal gum bi e na ribe ad mheadhon:

An sin fògraidh sibh a‑mach uile luchd-àiteachaidh na tìre as ur fianais, agus cuiridh sibh as dan dealbhan uile, agus sgriosaidh sibh an coslais leaghte uile, agus fàsaichidh sibh an ionadan àrda uile.

Ach de bhailtean an t‑sluaigh sin a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut mar oighreachd, cha ghlèidh thu nì sam bith beò anns a bheil anail:

Cha robh baile mòr air bith a rinn sìth ri cloinn Israeil, saor o na Hibhich, luchd-àiteachaidh Ghibeoin; càch uile ghlac iad ann an cath.

Agus nuair a chuala na rìghrean uile a bha air an taobh seo de Iòrdan, anns na beanntan, agus anns a’ chòmhnard, agus ann an uile oirthir na fairge mòire thall fa chomhair Lebanoin, an t‑Hiteach, agus an t‑Amorach, an Canàanach, am Peridseach, an t‑Hibheach, agus an t‑Iebusach seo:

Agus cha dèan sibh coicheangal sam bith ri luchd-àiteachaidh na tìre seo; tilgidh sibh sìos an altairean: ach cha tug sibh gèill dom ghuth: carson a rinn sibh seo?

Eadhon còig tighearnan nam Philisteach, agus na Canàanaich uile, agus na Sìdonaich, agus na Hibhich a bha a chòmhnaidh ann an sliabh Lebanoin, o shliabh Bhàal-hermoin gu dol a‑steach Hamait.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan