Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 9:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus brògan a bha sean agus càraichte air an casan, agus seann aodach orra; agus bha aran an lòin uile tioram agus liath.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Ach thubhairt an t‑athair ra sheirbhisich, Thugaibh a‑mach a’ chulaidh as fheàrr, agus cuiribh uime i; agus cuiribh fàinne air a làimh, agus brògan air a chasan:

Agus threòraich mise sibh dà‑fhichead bliadhna anns an fhàsach; cha do chaitheadh ur n‑aodach dhibh le aois, agus cha do chaitheadh do bhròg le aois bhàrr do choise.

Bidh do bhrògan nan iarann agus nan umha; agus mar do làithean is amhlaidh a bhios do neart.

An t‑aran seo againn ghabh sinn teth airson ar lòin a‑mach as ar taighean, anns an là anns an tàinig sinn a‑mach gu dol dur n‑ionnsaigh-se; ach a‑nis, feuch, tha e tioram agus liath:

Agus na searragan fìona seo a lìon sinn, bha iad nuadh, agus, feuch, tha iad reubte: agus tha ar n‑aodach seo agus ar brògan air fàs sean, le ro‑fhad na slighe.

Rinn iadsan mar an ceudna gu seòlta, agus chaidh iad agus leig iad orra gum bu teachdairean iad, agus ghabh iad seann saic air an asail, agus fìon-shearragan a bha sean agus reubte, agus ceangailte suas;

Agus chaidh iad a dh’ionnsaigh Iosua don champ gu Gilgal, agus thubhairt iad ris, agus ri fir Israeil, Thàinig sinne o dhùthaich fad as; a‑nis uime sin dèanaibh coicheangal rinn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan