Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 9:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus a‑nis, feuch, tha sinn ad làimh: mar a mheasar math agus ceart leatsa a dhèanamh rinn, dèan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Ach thubhairt Abram ri Sàrai, Feuch, tha do bhanoglach ad làimh fhèin; dèan rithe mar as àill leat. Agus nuair a bhuin Sàrai gu cruaidh rithe, theich i o a gnùis.

Ach ma their e mar seo, Chan eil tlachd agam annad; feuch, tha mise an seo, dèanadh e rium mar as math leis.

Agus thubhairt Daibhidh ri Gad, Tha mi ann an teinn mhòir: tuiteamaid a‑nis ann an làimh an Tighearna, oir is lìonmhor a thròcairean, ach ann an làimh duine na tuiteam.

Agus chuir esan a bha os cionn an taighe, agus esan a bha os cionn a’ bhaile, agus na seanairean, agus iadsan a thog a’ chlann, teachdairean gu Iehu, ag ràdh, Is sinne do sheirbhisich, agus nì sinn gach nì a dh’iarras tu oirnn; cha dèan sinn rìgh air bith: an nì a tha taitneach ad shùilean-sa, dèan e.

Bha corraich orm rim shluagh; thruaill mi m’oighreachd, agus thug mi thairis iad dod làimh; cha do nochd thusa tròcair dhaibh; air an aosda leag thu do chuing gu trom.

Air mo shon-sa, feuch, tha mi nur làimh; dèanaibh rium mar a chìthear math agus ceart dhuibh.

An sin thubhairt an rìgh Sedeciah, Feuch, tha e nur làimh: oir chan e an rìgh esan a dh’fhaodas aon nì a chur nur n‑aghaidh.

Seadh, Athair, do bhrìgh gum b’ann mar sin a bha do dheagh thoil-sa.

Agus mar seo rinn e riu, agus shaor e iad à làimh chloinn Israeil; agus cha do mharbh iad iad.

Agus thubhairt clann Israeil ris an Tighearna, Pheacaich sinn; dèan-sa rinn a rèir gach nì a tha math ad shùilean; a‑mhàin saor sinn, guidheamaid ort, air an là‑an‑diugh.

Agus thàinig e gu fir Shucoit, agus thubhairt e, Feuchaibh, Sèba agus Salmuna a thilg sibh orm, ag ràdh, A bheil làmhan Shèba agus Shalmuna a‑nis ad làimh-sa, gun tugamaid aran dod dhaoine a tha sgìth?

Agus dh’innis Samuel dha na h‑uile nithean, agus cha do cheil e nì sam bith air. Agus thubhairt esan, Is e an Tighearna a tha ann; an nì sin a tha math na shùilean nì e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan