Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 9:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fhreagair iad Iosua, agus thubhairt iad, Do bhrìgh gun d’innseadh gu cinnteach dod sheirbhisich cionnas a dh’àithn an Tighearna do Dhia da òglach Maois am fearann uile a thoirt dhuibh, agus luchd-àiteachaidh na tìre uile a sgrios romhaibh, uime sin bha eagal mòr ar n‑anaman oirnn romhaibh, agus rinn sinn an nì seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus fhreagair Sàtan an Tighearna, agus thubhairt e, Craiceann airson craicinn, eadhon gach nì a tha aig duine bheir e airson a anama.

Agus na biodh eagal na muinntir sin oirbh a mharbhas an corp, ach aig nach eil comas an t‑anam a mharbhadh: ach gum bu mhò a bhios eagal an Tì sin oirbh, as urrainn an corp agus an t‑anam a mhilleadh araon ann an ifrinn.

Ghabh iad eagal mòr, do bhrìgh gum bu bhaile mòr Gibeon, mar aon de na bailtean rìoghail, agus do bhrìgh gum bu mhò e na Ai, agus gu robh a dhaoine uile treun.

Agus cho luath is a chuala sinne na nithean sin, leagh ar cridheachan, agus cha d’fhan tuilleadh a’ bheag de mhisnich ann an duine sam bith air ur son-se: oir an Tighearna ur Dia, is esan Dia anns na nèamhan shuas, agus air an talamh a‑bhos.

Agus thubhairt i ris na daoine, Tha fhios agam gu bheil an Tighearna air toirt dhuibh na tìre, agus gu bheil ur n‑uamhas air tuiteam oirnne, agus gu bheil luchd-àiteachaidh na tìre uile air leaghadh as le eagal romhaibh:

Agus lèirsgrios iad gach nì a bha anns a’ bhaile, eadar fhear agus bhean, òg agus shean, agus dhamh, agus chaora, agus asal, le faobhar a’ chlaidheimh.

Agus thubhairt iad ris, O dhùthaich ro‑fhada air astar thàinig do sheirbhisich, air sgàth ainm an Tighearna do Dhia: oir chuala sinn a iomradh-san, agus gach nì a rinn e anns an Eiphit,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan