A‑nis uime sin tha sibh mallaichte, agus cha saorar neach air bith dhibh o bhith nur tràillean, agus nur luchd-gearraidh fiodha, agus nur luchd-tarraing uisge airson taigh mo Dhè.
Agus thubhairt na h‑uachdarain riu, Leigibh leo a bhith beò; ach biodh iad nan luchd-gearraidh fiodha, agus nan luchd-tarraing uisge don cho-chruinneachadh uile, mar a gheall na h‑uachdarain dhaibh.
Agus rinn Iosua iad anns an là sin fhèin nan luchd-gearraidh fiodha, agus nan luchd-tarraing uisge don cho-chruinneachadh agus do altair an Tighearna, eadhon gus an là‑an‑diugh, anns an ionad a roghnaicheadh.