Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 9:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Seo nì sinn riu; leigidh sinn eadhon leo a bhith beò, a‑chum nach bi fearg Dhè nar n‑aghaidh, airson nam mionnan a mhionnaich sinn dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus mar an ceudna rinn e ceannairc an aghaidh rìgh Nebuchadnesair, a thug air mionnachadh air Dia: ach ragaich e a mhuineal, agus chruadhaich e a chridhe o thionndadh a dh’ionnsaigh an Tighearna, Dia Israeil.

Is ribe e do dhuine ithe den nì a tha naomh, agus an dèidh bhòidean, fiosrachadh.

Agus thig mise dlùth dhuibh gu breitheanas, agus bidh mi am fhianais luath an aghaidh fhiosaichean, agus an aghaidh adhaltranach, agus an aghaidh na muinntir a bheir mionnan-eithich, agus an aghaidh na muinntir a tha a’ cumail air ais a thuarasdail on t‑seirbhiseach, a’ sàrachadh na bantraich agus an dìlleachdain, agus a’ cur a’ choigrich a thaobh, agus air nach eil eagal romhamsa, deir Tighearna nan sluagh.

Eu‑cèillidh, nan luchd-brisidh coicheangail, gun ghràdh nàdarra, do‑rèiteachaidh, neo-thruacanta:

Do luchd-strìopachais, do luchd-ana-miannan mì‑nàdarra, do luchd-goid dhaoine, do bhreugairean, do luchd-eithich, agus ma tha nì sam bith eile a tha an aghaidh teagaisg fhallain,

Ach thubhairt na h‑uachdarain uile ris a’ cho-chruinneachadh uile, Mhionnaich sinn dhaibh air an Tighearna, Dia Israeil; agus uime sin chan fhaod sinn beantainn riu.

Agus thubhairt na h‑uachdarain riu, Leigibh leo a bhith beò; ach biodh iad nan luchd-gearraidh fiodha, agus nan luchd-tarraing uisge don cho-chruinneachadh uile, mar a gheall na h‑uachdarain dhaibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan