Iosua 9:18Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus cha do bhuail clann Israeil iad a chionn gun do mhionnaich uachdarain a’ cho-chruinneachaidh dhaibh air an Tighearna, Dia Israeil. Agus rinn an co‑chruinneachadh uile gearan an aghaidh nan uachdaran. Faic an caibideil |
Thig na h‑uile nithean air aon seòl do na h‑uile dhaoine: tachraidh an aon nì don fhìrean agus don aingidh; don mhath, agus don ghlan, agus don neòghlan; dhàsan a dh’ìobras, agus dhàsan nach ìobair: mar a tha an duine math, is ann mar sin a tha am peacach; agus esan a mhionnaicheas, mar an tì air a bheil eagal mhionn.