Agus thachair an ceann trì làithean, an dèidh dhaibh coicheangal a dhèanamh riu, gun cuala iad gum b’iad an coimhearsnaich iad, agus gu robh iad a chòmhnaidh nam measg.
Agus chaidh clann Israeil air an aghaidh, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh am bailtean air an treas là: a‑nis b’iad am bailtean Gibeon, agus Chephirah, agus Beerot, agus Ciriat-iearim.
Agus ghairm Iosua orra, agus labhair e riu, ag ràdh, Carson a mheall sibh sinn, ag ràdh, Tha sinn ro‑fhada uaibh, nuair a tha sibh a chòmhnaidh nar measg?
Agus thubhairt iad ris, O dhùthaich ro‑fhada air astar thàinig do sheirbhisich, air sgàth ainm an Tighearna do Dhia: oir chuala sinn a iomradh-san, agus gach nì a rinn e anns an Eiphit,