Agus ghairm an rìgh air na Gibeonaich, agus thubhairt e riu; (a‑nis cha robh na Gibeonaich de chloinn Israeil, ach de iarmad nan Amorach: agus thug clann Israeil mionnan dhaibh: agus dh’iarr Saul am marbhadh, na eud airson chloinn Israeil agus Iùdah:)
Agus nuair a chuala Adoni-sedec, rìgh Ierusaleim, gun do ghlac Iosua Ai, agus gun do lèirsgrios e e; mar a rinn e ri Iericho agus ra rìgh, mar sin gun do rinn e ri Ai agus ra rìgh; agus gun do rinn luchd-àiteachaidh Ghibeoin sìth ri Israel, agus gu robh iad nam measg;
Agus thachair an ceann trì làithean, an dèidh dhaibh coicheangal a dhèanamh riu, gun cuala iad gum b’iad an coimhearsnaich iad, agus gu robh iad a chòmhnaidh nam measg.