Agus na dhèidh seo dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, ag ràdh, An tèid mi suas gu aon de bhailtean Iùdah? Agus thubhairt an Tighearna ris, Falbh suas. Agus thubhairt Daibhidh, Càit an tèid mi suas? Agus thubhairt esan, Gu Hebron.
Agus dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, ag ràdh, An tèid mi suas a dh’ionnsaigh nam Philisteach? An toir thu thairis iad dom làimh? Agus thubhairt an Tighearna ri Daibhidh, Gabh suas; oir gu cinnteach bheir mi thairis na Philistich dod làimh.
An sin ghairm mi trasgadh anns an àite sin aig abhainn Ahabha, a‑chum gun irioslaicheamaid sinn fhèin am fianais ar Dè, a dh’iarraidh air slighe cheart dhuinn fhèin, agus dar cloinn bhig, agus dar maoin uile.
Agus cuiridh tu ann an uchd-èideadh a’ bhreitheanais an Urim agus an Tumim; agus bidh iad air cridhe Aaroin, nuair a thèid e a‑steach an làthair an Tighearna: agus giùlainidh Aaron breitheanas chloinn Israeil air a chridhe ann an làthair an Tighearna an còmhnaidh.
Agus seasaidh e an làthair Eleàsair an sagart, a dh’iarras comhairle air a shon, a rèir breitheanas na h‑Urim an làthair an Tighearna: air a fhacal-san thèid iad a‑mach, agus air a fhacal thig iad a‑steach, e fhèin agus clann Israeil uile maille ris, eadhon an co‑chruinneachadh uile.
Agus na searragan fìona seo a lìon sinn, bha iad nuadh, agus, feuch, tha iad reubte: agus tha ar n‑aodach seo agus ar brògan air fàs sean, le ro‑fhad na slighe.
A‑nis an dèidh bàs Iosua, dh’fhiosraich clann Israeil den Tighearna, ag ràdh, Cò a thèid suas air ar son an aghaidh nan Canàanach air tùs, a chogadh nan aghaidh?
Agus dh’èirich clann Israeil, agus chaidh iad suas gu taigh Dhè, agus dh’fhiosraich iad de Dhia, agus thubhairt iad, Cò dhinn a thèid suas air tùs gu cath an aghaidh chloinn Bheniàmin? Agus thubhairt an Tighearna, Thèid Iùdah suas air tùs.
Agus sheas Phinehas, mac Eleàsair mhic Aaroin, na làthair anns na làithean sin,) ag ràdh, An tèid mi fhathast a‑rìs a‑mach gu cath an aghaidh chloinn Bheniàmin, mo bhràthair, no an sguir mi? Agus thubhairt an Tighearna, Rachaibh suas; oir a‑màireach bheir mise thairis iad dod làimh.