Agus na searragan fìona seo a lìon sinn, bha iad nuadh, agus, feuch, tha iad reubte: agus tha ar n‑aodach seo agus ar brògan air fàs sean, le ro‑fhad na slighe.
Cha mhò a chuireas daoine fìon nuadh ann an seann searragan: no brisear na searragan, agus dòirtear am fìon, agus caillear na searragan: ach cuiridh iad fìon nuadh ann an searragan nuadha, agus bidh iad araon tèarainte.
Agus cha chuir duine air bith fìon nuadh ann an seann searragan; no brisidh am fìon nuadh na searragan, agus dòirtear am fìon, agus caillear na searragan: ach is còir fìon nuadh a chur ann an searragan nuadha.
Agus cha chuir duine sam bith fìon nuadh ann an seann searragan; no brisidh am fìon nuadh na searragan, agus dòirtear e fhèin, agus caillear na searragan.
Agus threòraich mise sibh dà‑fhichead bliadhna anns an fhàsach; cha do chaitheadh ur n‑aodach dhibh le aois, agus cha do chaitheadh do bhròg le aois bhàrr do choise.
An t‑aran seo againn ghabh sinn teth airson ar lòin a‑mach as ar taighean, anns an là anns an tàinig sinn a‑mach gu dol dur n‑ionnsaigh-se; ach a‑nis, feuch, tha e tioram agus liath:
Rinn iadsan mar an ceudna gu seòlta, agus chaidh iad agus leig iad orra gum bu teachdairean iad, agus ghabh iad seann saic air an asail, agus fìon-shearragan a bha sean agus reubte, agus ceangailte suas;