Iosua 9:11Am Bìoball Gàidhlig 1992Uime sin labhair ar seanairean agus uile luchd-àiteachaidh ar dùthcha rinn, ag ràdh, Gabhaibh lòn nur làimh airson an turuis, agus rachaibh nan coinneamh, agus abraibh riu, Is sinne ur seirbhisich: agus a‑nis dèanaibh coicheangal rinn. Faic an caibideil |
Agus chuir esan a bha os cionn an taighe, agus esan a bha os cionn a’ bhaile, agus na seanairean, agus iadsan a thog a’ chlann, teachdairean gu Iehu, ag ràdh, Is sinne do sheirbhisich, agus nì sinn gach nì a dh’iarras tu oirnn; cha dèan sinn rìgh air bith: an nì a tha taitneach ad shùilean-sa, dèan e.