Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 9:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chuala na rìghrean uile a bha air an taobh seo de Iòrdan, anns na beanntan, agus anns a’ chòmhnard, agus ann an uile oirthir na fairge mòire thall fa chomhair Lebanoin, an t‑Hiteach, agus an t‑Amorach, an Canàanach, am Peridseach, an t‑Hibheach, agus an t‑Iebusach seo:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

32 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig iad gu daingneach Thìruis, agus gu uile bhailtean nan Hibheach, agus nan Canàanach; agus chaidh iad a‑mach don taobh mu dheas de Iùdah, gu Beersèba.

Oir thèid m’aingeal romhad, agus bheir e a‑steach thu a‑chum nan Amorach, agus nan Hiteach, agus nam Peridseach, agus nan Canàanach, nan Hibheach agus na Iebusach; agus gearraidh mi as iad.

Agus suidhichidh mi do chrìochan on mhuir ruaidh eadhon gu ruig fairge nam Philisteach, agus on fhàsach gu ruig an abhainn: oir bheir mi thairis nur làimh luchd-àiteachaidh na tìre; agus tilgidh tu a‑mach iad as do làthair.

Agus thubhairt mi, Bheir mi suas sibh à àmhghar na h‑Eiphit, gu fearann nan Canàanach, agus nan Hiteach, agus nan Amorach, agus nam Peridseach, agus nan Hibheach, agus nan Iebusach, gu fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil.

Coimhead thusa an nì a tha mi ag àithneadh dhut an‑diugh: Feuch, fuadaichidh mi a‑mach romhad an t‑Amorach, agus an Canàanach, agus an t‑Hiteach, agus am Peridseach, agus an t‑Hibheach, agus an t‑Iebusach.

Tha na h‑Amalecich nan còmhnaidh ann am fearann na h‑àird a deas; agus tha na Hitich, agus na h‑Iebusaich, agus na h‑Amoraich, nan còmhnaidh anns na beanntan; agus tha na Canàanaich nan còmhnaidh làimh ris an fhairge, agus ri taobh Iòrdain.

Agus a‑thaobh na crìche an iar, bidh agaibh eadhon an fhairge mhòr mar chrìch: bidh a’ chrìoch seo na crìch dhuibh air an làimh an iar.

Tillibh agus gabhaibh ur turas, agus rachaibh a‑chum sliabh nan Amorach, agus a‑chum nan ionadan uile am fagas dha anns a’ chòmhnard, anns a’ mhonadh, agus anns an t‑srath, agus mu dheas, agus ri taobh na fairge, gu fearann nan Canàanach, agus gu Lebanon, a dh’ionnsaigh na h‑aibhne mòire, abhainn Euphràtes.

Guidheam ort, leig dhomh dol thairis, agus am fearann math sin fhaicinn a tha an taobh thall de Iòrdan, an sliabh math sin, agus Lebanon.

Agus an còmhnard uile air an taobh seo de Iòrdan a làimh na h‑àird an ear, eadhon gu muir a’ chòmhnaird, fo thobraichean Phisgah.

Nuair a bheir an Tighearna do Dhia thu a‑steach don fhearann a‑chum a bheil thu a’ dol ga shealbhachadh, agus a thilgeas e a‑mach romhad mòran chinneach, na Hitich, agus na Girgasaich, agus na h‑Amoraich, agus na Canàanaich, agus na Peridsich, agus na Hibhich, agus na h‑Iebusaich, seachd cinnich as mò agus as cumhachdaiche na thusa;

Gus an toir an Tighearna fois dur bràithrean, mar a thug e dhuibhse, agus gun sealbhaich iadsan mar an ceudna an tìr a tha an Tighearna ur Dia a’ tabhairt dhaibh: an sin tillidh sibh gu tìr ur seilbhe, agus sealbhaichidh sibh i, eadhon an tìr a thug Maois, òglach an Tighearna, dhuibh air an taobh seo de Iòrdan, leth ri èirigh na grèine.

On fhàsach, agus Lebanon seo, eadhon gus an abhainn mhòir, abhainn Euphràtes, tìr nan Hiteach uile, agus gus an fhairge mhòir, leth ri dol fodha na grèine, bidh na chrìch dhuibh.

Agus rinn iad mar sin, agus thug iad a‑mach na còig rìghrean ud da ionnsaigh as an uaimh, rìgh Ierusaleim, rìgh Hebroin, rìgh Iarmuit, rìgh Lachis, agus rìgh Egloin.

O shliabh Halaic, a tha a’ dol suas gu Seir, eadhon gu Bàal-gad ann an gleann Lebanoin, fo shliabh Hermoin: agus an rìghrean uile ghlac e, agus bhuail e iad, agus mharbh e iad.

Agus fearann nan Gibleach, agus Lebanon uile leth ri èirigh na grèine, o Bhàal-gad fo shliabh Hermoin, gu ruig an dol a‑steach do Hamat:

Agus bha a’ chrìoch an iar gus an fhairge mhòir agus a h‑oirthir: b’i sin crìoch chloinn Iùdah mun cuairt, a rèir an teaghlaichean.

Agus a‑nis thug an Tighearna ur Dia fois dur bràithrean, mar a gheall e dhaibh; a‑nis uime sin tillibh, agus rachaibh dur pàilleanan, agus gu fearann ur seilbh, a thug Maois, òglach an Tighearna, dhuibh air an taobh thall de Iòrdan.

A‑nis do aon leth-threubh Mhanaseh, thug Maois sealbh ann am Basan; ach don leth-threubh eile dhiubh thug Iosua sealbh am measg am bràithrean air an taobh seo de Iòrdan air an làimh an iar. Agus cuideachd, nuair a chuir Iosua air falbh iad dam pàilleanan, an sin bheannaich e iad.

Faicibh, roinn mi dhuibh le crannchur na cinnich sin a mhaireas, gu bhith nan oighreachd dur treubhan, o Iòrdan, maille ris na cinnich uile a gheàrr mi as, eadhon gus an fhairge mhòir air an taobh an iar.

Agus chaidh sibh thar Iòrdan, agus thàinig sibh gu Iericho: agus chog fir Iericho nur n‑aghaidh, na h‑Amoraich, agus na Peridsich, agus na Canàanaich, agus na Hitich, agus na Girgasaich, na Hibhich, agus na h‑Iebusaich; agus thug mi thairis iad dur làimh.

Agus thubhairt Iosua, Le seo bidh fhios agaibh gu bheil an Dia beò nur measg, agus gum fuadaich e gun teagamh a‑mach romhaibh na Canàanaich, agus na Hitich, agus na Hibhich, agus na Peridsich, agus na Girgasaich, agus na h‑Amoraich, agus na h‑Iebusaich.

Agus sheas na sagartan, a ghiùlain àirc coicheangal an Tighearna, gu daingeann air talamh tioram am meadhon Iòrdain, agus chaidh na h‑Israeilich uile thairis air talamh tioram gus an robh an sluagh uile air dol thar Iòrdan.

Agus nuair a chuala uile rìghrean nan Amorach, a bha air an taobh thall de Iòrdan a làimh na h‑àird an iar, agus uile rìghrean nan Canàanach, a bha làimh ris an fhairge, gun do thiormaich an Tighearna suas uisgeachan Iòrdain ro chloinn Israeil, gus an deachaidh sinn thairis, leagh an cridhe, agus cha robh spiorad tuilleadh annta, airson chloinn Israeil.

Mar seo bha an Tighearna maille ri Iosua, agus sgaoileadh a iomradh-san air feadh na tìre uile.

Agus thubhairt fir Israeil ris na Hibhich, Theagamh gu bheil sibh a chòmhnaidh nar measg, agus cionnas a dh’fhaodas sinne coicheangal a dhèanamh ribh?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan