Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 8:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

(Oir thig iad a‑mach nar dèidh) gus an tarraing sinn iad on bhaile: oir their iad, Tha iad a’ teicheadh romhainn, mar air tùs: uime sin teichidh sinne romhpa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Oir their Phàraoh mu chloinn Israeil, Tha iad air seachran anns an tìr, dh’iadh am fàsach man timcheall.

Thubhairt an nàmhaid, Leanaidh mi, beiridh mi orra, roinnidh mi a’ chreach: sàsaichear mo mhiann orra; rùisgidh mi mo chlaidheamh, sgriosaidh mo làmh iad.

A chionn nach eil binn an aghaidh droch obrach ga cur an gnìomh gu luath, uime sin tha cridhe clann nan daoine làn-shuidhichte air olc a dhèanamh.

Oir gu deimhinn chan eil fhios aig duine air a àm fhèin: mar iasg a ghlacar ann an droch lìon, agus mar eòin a ghlacar ann an ribe, is ann mar sin a ribear clann nan daoine ann an droch àm, nuair a thuiteas e orra gu h‑obann.

Agus thèid mise, agus an sluagh uile a tha maille rium, dlùth don bhaile: agus nuair a thig iad a‑mach nar coinneamh, mar air tùs, teichidh sinne romhpa.

An sin èiridh sibhse on fheall-fhalach, agus glacaidh sibh am baile: oir bheir an Tighearna ur Dia nur làimh e.

Agus thubhairt clann Bheniàmin, Tha iad air am bualadh sìos romhainn, mar air tùs. Ach thubhairt clann Israeil, Teicheamaid, agus tàirngeamaid iad on bhaile gu ruig na rathaidean mòra.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan