Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 8:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’àithn e dhaibh, ag ràdh, Feuch, nì sibh feall-fhalach an aghaidh a’ bhaile, eadhon air cùl a’ bhaile: na rachaibh ro‑fhada on bhaile, ach bithibh uile deas:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus dh’èirich an rìgh anns an oidhche, agus thubhairt e ra sheirbhisich, Innsidh mi dhuibh a‑nis ciod a rinn na Sirianaich oirnn: tha fhios aca gu bheil sinne acrach, agus chaidh iad a‑mach as a’ champ gu am falach fhèin anns a’ mhachair, ag ràdh, Nuair a thig iad a‑mach as a’ bhaile, glacaidh sinn beò iad, agus thèid sinn a‑steach don bhaile.

Ach thug Ierobòam air luchd feall-fhalaich teachd mun cuairt air an cùlaibh, air chor is gu robh iad fhèin fa chomhair Iùdah, agus an luchd feall-fhalaich air an cùlaibh.

Neartaichidh gliocas duine glic nas mò na deichnear dhaoine cumhachdach a tha anns a’ chathair.

An sin thubhairt mise, Is fheàrr gliocas na neart: gidheadh, nìthear tàir air gliocas an duine bhochd, agus chan èisdear ra bhriathran.

Ach na aontaich thusa leo: oir tha os cionn dà‑fhichead fear dhiubh ri feall-fhalach na aghaidh, a chuir iad fhèin fo mhallachadh, nach ith agus nach òl iad gus am marbh iad e: agus a‑nis tha iad ullamh, a’ feitheamh ri gealladh uatsa.

Agus ghairmeadh an sluagh uile a bha ann an Ai an ceann a chèile gu dol air an tòir, agus chaidh iad air tòir Iosua, agus thàirngeadh on bhaile iad.

Agus dh’èirich Iosua agus an sluagh-cogaidh uile, a dhol suas an aghaidh Ai: agus thagh Iosua a‑mach deich-mìle-fichead fear treun ann an neart, agus chuir e air falbh iad anns an oidhche.

Agus chuir Israel luchd feall-fhalaich mun cuairt air Gibeah.

Agus dh’èirich clann Israeil uile suas as an àite, agus chuir iad iad fhèin ann an òrdagh catha ann am Bàal-tàmar: agus thàinig luchd feall-fhalaich Israeil a‑mach as an àitean, eadhon o uchdaich Ghibeah.

Agus chunnaic clann Bheniàmin gun do bhuaileadh iad: oir thug fir Israeil àite do na Beniàminich, a chionn gun d’earb iad ris an luchd feall-fhalaich a shuidhich iad làimh ri Gibeah.

Agus chuir maithean Shecheim luchd feall-fhalaich air a shon air mullaichean nam beann, agus rinn iad reubainn air gach neach a chaidh seachad orra anns an t‑slighe sin: agus dh’innseadh sin do Abimelech.

A‑nis uime sin, èirich suas anns an oidhche, thu fhèin agus an sluagh a tha maille riut, agus dèan feall-fhalach anns an fhearann:

Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Is cuimhne leam ciod a rinn na h‑Amalecich air na h‑Israelich, cionnas a chuir iad nan aghaidh anns an t‑slighe, nuair a thàinig iad a‑nìos as an Eiphit.

Agus thàinig Saul gu baile le Amalec, agus rinn e feall-fhalach anns a’ ghleann.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan