Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 8:35

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cha robh facal de na h‑uile nithean a dh’àithn Maois, nach do leugh Iosua an làthair co‑chruinneachadh Israeil uile, agus nam ban, agus na cloinne bige, agus nan coigreach a bha a’ fantainn nam measg.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

A‑nis nuair a rinn Esra ùrnaigh, agus a dh’aidich e, a’ gul, agus ga thilgeadh fhèin sìos fa chomhair taigh Dhè, chruinnich da ionnsaigh à Israel co‑chruinneachadh ro‑mhòr de fhir, agus de mhnathan, agus de chloinn: oir ghuil an sluagh gu mòr.

Agus thug Esra an sagart an lagh an làthair a’ choitheanail, araon fhear agus bhan, agus gach uile a thuigeadh nuair a chluinneadh iad e, air a’ chiad là den t‑seachdamh mìos.

Agus leugh e ann fa chomhair na sràide a tha fa chomhair geata an uisge, o mhadainn gu meadhon-là, an làthair nam fear agus nam ban, agus na muinntir a thuigeadh; agus bha cluasan an t‑sluaigh uile ri leabhar an lagha.

Agus mar an ceudna chaidh iomadaidh de shluagh eile suas maille riu, agus treudan, agus buar, ro‑mhòran sprèidhe.

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Seas ann an cùirt taigh an Tighearna, agus labhair ri uile bhailtean Iùdah, a tha a’ teachd a dhèanamh adhraidh ann an taigh an Tighearna, na h‑uile bhriathran a dh’àithneas mise dhut a labhairt riu; na lùghdaich facal;

Cruinnichibh an sluagh, naomhaichibh an coitheanal; gairmibh na seanairean; tionailibh a’ chlann, agus iadsan a tha a’ deoghail na cìche: rachadh am fear nuadh-pòsda a‑mach as a sheòmar, agus a’ bhean nuadh-phòsda a‑mach as a seòmar uaigneach.

Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Anns na làithean sin tàrlaidh gun dèan deichnear greim, as uile chànainean nan cinneach, eadhon gun dèan iad greim air sgioball an tì a bhios na Iùdhach, ag ràdh, Thèid sinne leat, oir chuala sinn gu bheil Dia leibh.

Ach nuair a chunnaic Iosa sin, bha e ro‑dhiombach, agus thubhairt e riu, Leigibh do na leanaban teachd am ionnsaigh, agus na bacaibh iad: oir is ann dan leithidean a tha rìoghachd Dhè.

Oir cha do sheachainn mi uile chomhairle Dhè fhoillseachadh dhuibh.

Agus nuair a chrìochnaicheadh na làithean sin, chaidh sinn a‑mach, agus thriall sinn romhainn; agus thàinig iadsan uile, maille ri mnathan agus ri cloinn nar cuideachd, a‑mach as a’ bhaile: agus chaidh sinn air ar glùinean air an tràigh, agus rinn sinn ùrnaigh.

Tha sibh uile nur seasamh an‑diugh an làthair an Tighearna ur Dia; ceannardan ur treubhan, ur seanairean, agus ur luchd-riaghlaidh, fir Israeil uile,

Ur clann bheag, ur mnathan, agus do choigreach a tha ann ad champ o fhear-gearraidh d’fhiodha gu fear-tarraing d’uisge;

Gleidhibh uime sin briathran a’ choicheangail seo, agus dèanaibh iad, a‑chum gun soirbhich leibh anns gach nì a nì sibh.

Cruinnich an sluagh ri chèile, fir, agus mnathan, agus clann, agus do choigreach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan, a‑chum gun cluinn iad, agus gum fòghlaim iad, agus gum bi eagal an Tighearna ur Dia orra, agus gun toir iad fa‑near uile bhriathran an lagha seo a dhèanamh;

Cha chuir sibh a’ bheag ris an fhacal a tha mise ag àithneadh dhuibh, cha mhò a bheir sibh nì sam bith uaithe, a‑chum is gun glèidh sibh àitheantan an Tighearna ur Dia, a tha mise ag àithneadh dhuibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan