Agus an dèidh sin leugh e uile bhriathran an lagha, na beannachdan agus na mallachdan, a rèir nan uile nithean a tha sgrìobhte ann an leabhar an lagha.
Air an là sin leughadh ann an leabhar Mhaois ann an èisdeachd an t‑sluaigh, agus fhuaireadh sgrìobhte ann nach tigeadh an t‑Amonach agus am Mòabach a‑steach do choitheanal Dhè gu bràth;
Agus dh’èirich iad nan àite, agus leugh iad ann an leabhar lagh an Tighearna an Dia, an ceathramh cuid den là; agus rè ceathramh eile dh’aidich iad, agus rinn iad adhradh don Tighearna an Dia.
Cha tèid leabhar an lagha seo as do bheul; ach beachd-smaoinichidh tu air a là agus a dh’oidhche, a‑chum gun toir thu an aire gun dèan thu a rèir gach nì a tha sgrìobhte ann: oir an sin bheir thu air do shlighe soirbheachadh leat, agus an sin nì thu gu glic.