Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 8:33

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus sheas Israel uile, agus an seanairean, agus an luchd-riaghlaidh, agus am britheamhan, air an taobh seo den àirc, agus air an taobh ud, an làthair nan sagart, na Lèbhithich, a ghiùlain àirc coicheangal an Tighearna, an coigreach cho math ris-san a rugadh nam measg; leth dhiubh thall fa chomhair sliabh Gheridsim, agus leth dhiubh thall fa chomhair sliabh Ebail: mar a dh’àithn Maois, òglach an Tighearna, a‑chum sluagh Israeil a bheannachadh air tùs.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Bidh an t‑aon lagh aigesan a rugadh anns an tìr, agus aig a’ choigreach a tha air chuairt nur measg.

Bidh an t‑aon ghnè lagha agaibh cho math airson a’ choigrich, agus air aon neach de mhuinntir ur dùthcha fhèin: oir is mise an Tighearna ur Dia.

Bidh aon reachd dhuibhse a tha den cho-chruinneachadh, agus mar an ceudna don choigreach a tha air chuairt maille ribh, reachd sìorraidh nur ginealaichean: mar a tha sibhse, mar sin bidh an coigreach an làthair an Tighearna.

Aon lagh, agus aon mhodh, bidh agaibhse, agus aig a’ choigreach a tha air chuairt maille ribh.

Bidh aon lagh agaibh air a shon-san a pheacaicheas trìd aineolais, araon air a shon-san a rugadh am measg chloinn Israeil, agus airson a’ choigrich a tha air chuairt nam measg.

Rinn ar n‑athraichean adhradh anns an t‑sliabh seo; agus tha sibhse ag ràdh gur ann an Ierusalem a tha an t‑ionad anns an còir adhradh a dhèanamh.

Agus tàrlaidh, nuair a bheir an Tighearna do Dhia thu a‑steach don fhearann da bheil thu a’ dol ga shealbhachadh, gun cuir thu am beannachadh air sliabh Gheridsim, agus am mallachadh air sliabh Ebail.

Cruinnich an sluagh ri chèile, fir, agus mnathan, agus clann, agus do choigreach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan, a‑chum gun cluinn iad, agus gum fòghlaim iad, agus gum bi eagal an Tighearna ur Dia orra, agus gun toir iad fa‑near uile bhriathran an lagha seo a dhèanamh;

An sin dh’àithn Maois do na Lèbhithich, a tha a’ giùlan àirc coicheangal an Tighearna, ag ràdh,

Agus sgrìobh Maois an lagh seo, agus thug e e do na sagartan, mic Lèbhi, a tha a’ giùlan àirc coicheangal an Tighearna, agus do sheanairean Israeil uile.

Agus ghairm Iosua da ionnsaigh Israel uile, an seanairean, agus an ceannardan, agus am britheamhan, agus an luchd-riaghlaidh, agus thubhairt e riu, Tha mise sean, agus air teachd air m’aghaidh ann am bliadhnachan:

Agus chruinnich Iosua treubhan Israeil uile gu Sechem, agus ghairm e air seanairean Israeil, agus air an ceannardan, agus air am britheamhan, agus air an luchd-riaghlaidh; agus nochd iad iad fhèin am fianais Dhè.

Agus nuair a dh’fhalbh an sluagh o am bùthan, gu dol thar Iòrdan, agus na sagartan a’ giùlan àirc a’ choicheangail ron t‑sluagh;

Agus dh’àithn iad don t‑sluagh, ag ràdh, Nuair a chì sibh àirc coicheangal an Tighearna ur Dia, agus na sagartan, na Lèbhithich, ga giùlan, an sin gluaisidh sibh o ur n‑àite, agus thèid sibh na dèidh.

Agus labhair Iosua ris na sagartan, ag ràdh, Togaibh suas àirc a’ choicheangail, agus rachaibh thairis ron t‑sluagh. Agus thog iad suas àirc a’ choicheangail agus chaidh iad ron t‑sluagh.

Oir sheas na sagartan a ghiùlain an àirc am meadhon Iòrdain, gus an do chrìochnaicheadh gach nì a dh’àithn an Tighearna do Iosua a labhairt ris an t‑sluagh, a rèir nan uile nithean a dh’àithn Maois do Iosua: agus rinn an sluagh cabhag, agus chaidh iad thairis.

Agus nuair a bha na sagartan a ghiùlain àirc coicheangal an Tighearna air teachd a‑nìos à meadhon Iòrdain, agus a bha buinn casan nan sagart air an togail suas air an talamh thioram, an sin thill uisgeachan Iòrdain dan àite fhèin, agus chaidh iad thar a bruachan uile, mar a rinn iad roimhe.

Agus ghairm Iosua mac Nuin air na sagartan, agus thubhairt e riu, Togaibh suas àirc a’ choicheangail, agus giùlaineadh seachd sagartan seachd trompaidean de adhaircean reitheachan ro àirc an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan