Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 8:31

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mar a dh’àithn Maois, òglach an Tighearna, do chloinn Israeil, a rèir mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar-lagha Mhaois, altair de chlachan slàna, air nach do thog duine sam bith suas iarann; agus thug iad suas oirre ìobairtean-loisgte don Tighearna, agus dh’ìobair iad tabhartasan-sìth.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Ach mic nam mortairean cha do mharbh e; mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar-lagha Mhaois, anns an d’àithn an Tighearna, ag ràdh, Cha chuirear na h‑athraichean gu bàs airson nam mac, agus cha chuirear na mic gu bàs airson nan athraichean: ach cuirear gach duine gu bàs airson a pheacaidh fhèin.

Agus thubhairt Hilciah an t‑àrd-shagart ri Saphan an sgrìobhaiche, Fhuair mi leabhar an lagha ann an taigh an Tighearna: agus thug Hilciah an leabhar do Shaphan, agus leugh e e.

Ach an clann cha do mharbh e, a rèir mar tha e sgrìobhte anns an lagh ann an leabhar Mhaois, far an d’àithn an Tighearna, ag ràdh, Cha chuirear na h‑athraichean gu bàs airson nam mac, agus cha chuirear na mic gu bàs airson nan athraichean; ach cuirear gach duine gu bàs airson a pheacaidh fhèin.

Agus thug iad air falbh na h‑ìobairtean-loisgte, a‑chum gun tugadh iad seachad a rèir roinnean teaghlaichean an t‑sluaigh, a dh’ìobradh don Tighearna, mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar Mhaois: agus mar sin rinn iad ris a’ bhuar.

Agus shuidhich iad na sagartan nan roinnean, agus na Lèbhithich nan sealan, airson seirbhis Dhè, a tha ann an Ierusalem; mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar Mhaois.

Air an là sin leughadh ann an leabhar Mhaois ann an èisdeachd an t‑sluaigh, agus fhuaireadh sgrìobhte ann nach tigeadh an t‑Amonach agus am Mòabach a‑steach do choitheanal Dhè gu bràth;

Agus ghabh Ietro, athair-cèile Mhaois, tabhartas-loisgte agus ìobairtean do Dhia: agus thàinig Aaron, agus uile sheanairean Israeil, a dh’ithe arain maille ri athair-cèile Mhaois an làthair Dhè.

Agus chuir e uaithe òganaich de chloinn Israeil, agus thug iad suas tabhartasan-loisgte, agus dh’ìobair iad ìobairtean-sìthe de dhaimh don Tighearna.

Agus ma thilgeas Sàtan a‑mach Sàtan, tha e roinnte na aghaidh fhèin; air an adhbhar sin cionnas a sheasas a rìoghachd?

Agus tàrlaidh, air an là anns an tèid sibh thar Iòrdan don fhearann a bheir an Tighearna do Dhia dhut, gun cuir thu suas dhut fhèin clachan mòra, agus còmhdaichidh tu thairis le aol iad.

Agus sgrìobhaidh tu air na clachan uile bhriathran an lagha seo gu ro‑shoilleir.

Cha tèid leabhar an lagha seo as do bheul; ach beachd-smaoinichidh tu air a là agus a dh’oidhche, a‑chum gun toir thu an aire gun dèan thu a rèir gach nì a tha sgrìobhte ann: oir an sin bheir thu air do shlighe soirbheachadh leat, agus an sin nì thu gu glic.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan