Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 8:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’èirich Iosua agus an sluagh-cogaidh uile, a dhol suas an aghaidh Ai: agus thagh Iosua a‑mach deich-mìle-fichead fear treun ann an neart, agus chuir e air falbh iad anns an oidhche.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Maois ri Iosua, Tagh a‑mach dhuinn daoine, agus falbh a‑mach, cog ri Amalec: a‑màireach seasaidh mise air mullach an t‑slèibh, agus slat Dhè am làimh.

Agus nach robh fhios aca gus an tàinig an tuil, agus an do thog i leatha iad uile; mar sin mar an ceudna bidh teachd Mac an Duine.

Thig tighearna an òglaich sin ann an là nach eil sùil aige ris, agus ann an uair nach fios dha.

Ach anns a’ mheadhon-oidhche, rinneadh glaodh, Feuch, tha am fear nuadh-pòsda a’ teachd; rachaibh a‑mach ga choinneachadh.

Oir tha sàr fhios agaibh fhèin gun tig là an Tighearna mar ghadaiche anns an oidhche.

Agus chaidh Iosua suas o Ghilgal, e fhèin, agus an sluagh-cogaidh uile maille ris, agus na fir threuna uile.

Agus nì thu ri Ai agus ra rìgh mar a rinn thu ri Iericho agus ra rìgh: a‑mhàin a chreach, agus a sprèidh, gabhaidh sibh mar chobhartach dhuibh fhèin. Cuir daoine ann am feall-fhalach an aghaidh a’ bhaile air a chùlaibh.

Agus dh’àithn e dhaibh, ag ràdh, Feuch, nì sibh feall-fhalach an aghaidh a’ bhaile, eadhon air cùl a’ bhaile: na rachaibh ro‑fhada on bhaile, ach bithibh uile deas:

Ach thig là an Tighearna mar ghadaiche anns an oidhche; anns an tèid na nèamhan thairis le toirm mhòir, agus anns an leagh na dùilean le dian-theas; agus bidh an talamh mar an ceudna, agus na h‑obraichean a tha air, air an losgadh suas.

A‑nis uime sin, èirich suas anns an oidhche, thu fhèin agus an sluagh a tha maille riut, agus dèan feall-fhalach anns an fhearann:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan