Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 8:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rìgh Ai chroch e air crann gu àm an fheasgair: agus mu dhol fodha na grèine dh’àithn Iosua, agus thug iad a‑nuas a chorp on chrann, agus thilg iad e aig dol a‑steach geata a’ bhaile, agus thog iad air càrn mòr chlach, a tha an làthair gus an là‑an‑diugh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus ghabh iad Absalom, agus thilg iad e ann an sloc mòr anns a’ choille, agus chuir iad càrn ro‑mhòr chlach air: agus theich Israel uile, gach fear a dh’ionnsaigh a bhùtha.

Agus chroch iad Hàman air a’ chroich a dheasaich e do Mhordecai. Agus thraogh fearg an rìgh.

Dòirtidh e tarcais air àrd-uaislean, agus cuiridh e air seachran iad ann am fàsach as eugmhais slighe.

Buailidh an Tighearna, a tha air do dheaslàimh, rìghrean ann an là a fheirge.

An sin a‑chum nach fanadh na cuirp air a’ chrann-cheusaidh air an t‑sàbaid, a chionn gum b’e là an ullachaidh a bha ann (oir bu là mòr an là sàbaid sin), dh’iarr na h‑Iùdhaich air Pilat gun rachadh an luirgnean a bhriseadh, agus gun tugte air falbh iad.

Agus air ball bhuail aingeal an Tighearna e, do bhrìgh nach tug e a’ ghlòir do Dhia: agus dh’itheadh le cnuimhean e, agus chaidh an deò as.

Agus thug an Tighearna thairis e mar an ceudna, agus a rìgh, do làimh Israeil, agus bhuail e e le faobhar a’ chlaidheimh, agus na h‑anaman uile a bha ann: cha d’fhàg e neach air bith beò ann, ach rinn e ra rìgh mar a rinn e ri rìgh Iericho.

An sin thàinig Horam rìgh Ghèseir a‑nìos a chuideachadh Lachis; agus bhuail Iosua e agus a shluagh, gus nach d’fhàg e aon air bith beò aige.

Rìgh Iericho, aon; rìgh Ai, a tha làimh ri Betel, aon;

Agus thog iad suas càrn mòr chlach air a mhuin gus an là‑an‑diugh. Agus thill an Tighearna o ghairge a chorraich: uime sin thugadh gleann Achoir mar ainm air an àite sin, gus an là‑an‑diugh.

Agus ghlac iad rìgh Ai beò, agus thug iad e gu Iosua.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan