Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 8:27

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑mhàin sprèidh agus creach a’ bhaile sin ghabh Israel mar chobhartach dhaibh fhèin, a rèir facal an Tighearna a dh’àithn e do Iosua.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Oir is leamsa uile bheathaichean na coille, an sprèidh air mìle sliabh.

A‑mhàin an t‑òr, agus an t‑airgead, an t‑umha, an t‑iarann, an staoin, agus an luaidh,

Gabh àireamh na creiche a thogadh, eadar dhuine agus ainmhidh, thu fhèin, agus Eleàsar an sagart, agus prìomh-athraichean a’ cho-chruinneachaidh;

Nach eil e ceadaichte dhòmhsa an nì as àill leam a dhèanamh rim chuid fhèin? A bheil do shùil-sa olc, airson gu bheil mise math?

Ach ghabh sinn an sprèidh uile, agus creach nam bailtean mar chobhartach dhuinn fhèin.

Agus chaidh iad a‑mach, iad fhèin agus am feachd uile maille riu, sluagh lìonmhor, eadhon mar a’ ghaineamh a tha air tràigh na fairge a‑thaobh lìonmhorachd, le eich agus carbadan ro‑lìonmhor.

Agus nì thu ri Ai agus ra rìgh mar a rinn thu ri Iericho agus ra rìgh: a‑mhàin a chreach, agus a sprèidh, gabhaidh sibh mar chobhartach dhuibh fhèin. Cuir daoine ann am feall-fhalach an aghaidh a’ bhaile air a chùlaibh.

Agus loisg Iosua Ai, agus rinn e na chàrn e gu bràth, na fhàsach gus an là‑an‑diugh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan