Iosua 8:23Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus ghlac iad rìgh Ai beò, agus thug iad e gu Iosua. Faic an caibideil |
Agus nuair a chuir Israel crìoch air uile luchd-àiteachaidh Ai a mharbhadh, anns a’ mhachair, anns an fhàsach don do chuir iad an ruaig orra, agus nuair a thuit iad uile le faobhar a’ chlaidheimh, gus an do chuireadh as dhaibh, an sin thill na h‑Israelich uile gu Ai, agus bhuail iad e le faobhar a’ chlaidheimh.