Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 8:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh iadsan a‑mach as a’ bhaile nan aghaidh; mar sin bha iad ann am meadhon Israeil, cuid air an taobh seo, agus cuid air an taobh ud: agus bhuail iad iad, gus nach d’fhàgadh aon dhiubh beò, no aon gu dol as.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Gur geàrr caithreim nan aingidh, agus nach eil gàirdeachas a’ chealgair ach car tiota?

Agus nuair a bheir an Tighearna do Dhia iad thairis ad làthair, buailidh tu iad, agus cuiridh tu gu tur as dhaibh; cha dèan thu coicheangal sam bith riu, cha mhò a nochdas tu tròcair dhaibh:

Oir nuair a their iad, Sìth agus tèarainteachd, an sin thig sgrios obann orra, mar shaothair air mnaoi thorraich; agus cha tèid iad as.

Agus air an là sin fhèin ghlac Iosua Macedah, agus bhuail e e le faobhar a’ chlaidheimh, agus a rìgh sgrios e gu tur, iadsan agus gach anam a bha ann; cha d’fhàg e neach air bith beò: agus rinn e ri rìgh Mhacedah mar a rinn e ri rìgh Iericho.

Agus lèirsgrios iad gach nì a bha anns a’ bhaile, eadar fhear agus bhean, òg agus shean, agus dhamh, agus chaora, agus asal, le faobhar a’ chlaidheimh.

Agus nuair a chunnaic Iosua agus Israel uile gun do ghlac luchd na feall-fhalaich am baile, agus gun deachaidh deatach a’ bhaile suas, an sin thill iad, agus bhuail iad fir Ai.

Agus ghlac iad rìgh Ai beò, agus thug iad e gu Iosua.

Agus nuair a ghlacas sibh am baile, cuiridh sibh am baile ri theine: a rèir àithne an Tighearna nì sibh. Feuch, dh’àithn mise dhuibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan