Agus nuair a chunnaic Iosua agus Israel uile gun do ghlac luchd na feall-fhalaich am baile, agus gun deachaidh deatach a’ bhaile suas, an sin thill iad, agus bhuail iad fir Ai.
Agus nuair a chunnaic Ioab gu robh aghaidh a’ chatha ris air a bheulaibh agus air a chùlaibh, thagh e a‑mach cuid de uile dhaoine taghte Israeil, agus chuir e ann an òrdagh catha iad an aghaidh nan Sirianach:
Agus nuair a chuala Adoni-sedec, rìgh Ierusaleim, gun do ghlac Iosua Ai, agus gun do lèirsgrios e e; mar a rinn e ri Iericho agus ra rìgh, mar sin gun do rinn e ri Ai agus ra rìgh; agus gun do rinn luchd-àiteachaidh Ghibeoin sìth ri Israel, agus gu robh iad nam measg;
Agus nuair a sheall fir Ai nan dèidh, chunnaic iad, agus, feuch, chaidh deatach a’ bhaile suas gu nèamh, agus cha robh comas aca teicheadh an taobh seo no an taobh ud: agus thionndaidh an sluagh a theich don fhàsach air an ais air an luchd-tòrachd.
Agus chaidh iadsan a‑mach as a’ bhaile nan aghaidh; mar sin bha iad ann am meadhon Israeil, cuid air an taobh seo, agus cuid air an taobh ud: agus bhuail iad iad, gus nach d’fhàgadh aon dhiubh beò, no aon gu dol as.